Skip to main content

‹‹‹ prev (78)

(80) next ›››

(79)
GIIAIDIIEALACH.
['S 'n uair tliog iacl an seòltan,
'S a chaidh iad an òrdugh,
Cho cinnteach 's is beò mi,
Thainig ceò air mo leirsinn.
O hù ro, etc.
Ach tha'n caolas so lionta,
'S a' chas ghoirid g'a sineadh,
'S na'm bithinn-se 'n Ile,
'S mi dh'innseadh mo sgeul dhuibh.
O hù ro, etc.]
ORAN GAOIL.
'S mòr mo chùram 's mi g'a stiùireadh ;
'S i long mhòr nan tri chroinn ùr i ;
'S ged is taitneach leam a cùrsa,
B'anns' bhi 'sùgradh ri m' cheud-ghaol.
]Moire, 's mise tha fo mhi-ghean,
A's mi 'n so 's a' mhuileann mhinich,
Ceann na h-ùine oirnn air crionadh
A sheòladh do thir Van-Diemen.
'S mòr mo chùram, etc.
Tha rai 'n diugh a' dol ga d' fhàgail,
'S, air m'fhacal, 's cruaidh leam e, Mhàiri,
'S mi nach earbadh tu ri m' bhràthair,
Cled 's e mac mo mhàthar fhèin e.
'S mòr mo cliùram, etc.
Tha mi 'n diugh a' dol a sheòladh,
'S beag mo shunnd ri gabhail orain,
An fhairge domhain 's a, gliaoth comhl' ris,
A stròiceadh nan seòl as a cheile.
'S mòr mo chùram, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence