Skip to main content

‹‹‹ prev (76)

(78) next ›››

(77)
GIIAIDHEALACH. 57
Ach 'n uair a thig an Sanihradh,
Bheir niise sgriob do 'n ghleann ud,
'S gu 'n tog ini leam do 'n Ghalldachd,
Gu li-annsail, am flur.
Ho ro, ikc.
ORAN LE GILLE OG, 'S E AN DEIGH SEANN
TE A PHOSADH.
hìi o ro hù o hì liìi o-rò èile
hù o ro hìi o.
Eigh, gur mis' fch'air mo sgaradh,
Bho gheamhradh na gaillinn,
'S o thoiseach an earraich ;
'S cha dean aithreachas feum dliomh.
O hù o ro, etc.
Kigh, gur mis' bh'air mo bhuaireadh,
'Dhol a phòsadh nighean tuath'naich,
'S ged bha crodh air a buaile,
Cha'n fhuaigh i mo lèine.
O hù o ro, etc.
'S iomadh cailleach dhubh, ghriinnda,
Bhitheas greis aig a màthair,
Bhitheas a' ceiltinn a fàilinn,
'S a droch nàdur 'n a dhèigh sin.
hù o ro, etc.
Ach bheirinn comhairle air òigear,
Bhi gu foinnidh, deas, bòidheach,
Gun e thrèigsinn na tè òig,
Air son stòr na tè lèithe.
O hù ro, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence