Skip to main content

‹‹‹ prev (201)

(203) next ›››

(202)
160
AIMSIRE
CRIOSDA CLEIREACH OS AR CIONN [68]
RIOSDA Cleireach os ar cioiin,
Dh' orduich Ti nan dul do gach duil a fann.
Criosda Cleireach os ar cionn.
Noclid oidhch a chrochaidh chruaidh,
Crann cruaidh ris na chrochadh Criosd.
Criosda Cleireach os ar cionn.
Is uasal Bannag, is uasal Bochd,
Is uasal Fear na h-oidhche nochd.
Criosda Cleireach os ar cionn.
Is i Bride mhin chaidh air a glun,
Is e Righ nan dul a ta 'na h-uchd,
Criosda Cleireach os ar cionn.
Chluinn mi tulach, chluinn mi traigh,
Chluinn mi ainghlcan air an t-snamh,
Criosda Cleireach os ar cionn.
Chluinn mi Cairbre cuimir, cruinn,
Tighinn cluimh le cairdeas duinn.
Criosda Cleireach os ar cionn.
Is ioma tionailt air an tulaich,
Gun farmad duine ri cheile.
Criosda Cleireach os ar cionn.
Is mise gille Mic De is an dorus,
Eirich fein is fosgail domh e.
Criosda Cleireach os ar cioun.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence