Skip to main content

‹‹‹ prev (65)

(67) next ›››

(66)
24 ACHAINE
Ged bhiodh madruich is gadruich gar sgaradh bho'n chro,
Biodh Aoghar crodha na gloir air ar sgath.
Ge be cuis no cion-fath no cion-sgeoil
Bhios gu leireadh no leoin thoir 'n ar dail.
No bheir fianuis 'n ar n-aghaidh fa-dheoidh,
Taobh thall abhuinn mhor an dubh-sgail,
O duabharaich thusa sin oirnn,
Is as ar cridhe dean fhogradh gu brath.
Nis dh' an Athair a chruthaich gach creubh,
Nis dh' an Mhac a phaigh eirig a shloigh,
Nis dh' an Spiorad an Comhfhurtair treun : —
Bi d' ar dion is d' ar seun bho gach leon,
Bi mu thus is mu dheireadh ar reis,
Bi toil- dhuinn a bhi seinn ann an gloir,
Ann an sith, ann am fois, ann an reit,
Far nach silear an deur, far nach eugar ni 's mo.
Far nach silear an dear, far nach eugar ni 's mo.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence