Skip to main content

‹‹‹ prev (373)

(375) next ›››

(374)
360
Gun mo dhull bhi chaoidh ri t'f haicinn,
Nis iaram air Dia bhi riut iochdmhor,
■S do leigeil ann a measg nan Aingeal ;
O bha do thlachd san cheol san t-saoghal,
Ceol a measg nan Maomh dha t'anan>,
Cha d'iar thu phorsan anns a bheath,
Ach a mheud 's a gheibheadh tu o uaislean,
'G imtheachd le sugradh, *s le aigheir,
'Nuair a bhiodh tu caitheadh do dhuaise.
Ach dod an sta dhomh bhi gad chumhadhj
An deigh gach saoi a tha *g ar fagail j
A's ge bu toil learn e ri m*oige,
Slàn a chaoidh le ceol na Clàrsaich.
Tha'n tàl so th'aguinn an tras.
Air caoch'ladh gu mor o chleachd an sinsir,
Threig iad am fiughantas, 'san cairdeas.
An ceol, an treuntas, 'san seanachas,
'S e duine a'scliutach san am so.
Am fear a's pailt de chuir, 's de lùban,
'S e sin comhairlich nan daoine mora,
*S an duine choir cha bhi ach umaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence