Skip to main content

‹‹‹ prev (364)

(366) next ›››

(365)
351
OR AN le Duin' uasal de Chlann Donaill, a ghlacadh
tre fhoill anns an Airde tuath.
Mile mallachd, do'n òl
'S masrg a dheanadh dhe poit
'S e mo mhealladh gu mor a fhuair mi.
Mile, kc.
Mile marbh-bhaisg do'n dram,
Chuir an daorach so m' cheann,
'Nuair a ghlac iad san aird taobh- tuath mi.
Mas an d'fhuair mi bhi mach,
'S a bhi m^armaibh gu ceart,
Bha rag mhearlaich nan cearc mu'n cuairt domh.
Bha tri flchid, a's triuir,
Ga mo ruidh feadh nan lùb,
Gus na bhuin iad mo luth, 's mo luathas uam.
Righ gur mise bha nàr,
'Nuair a ghlac iad mi slàn,
'S nach tug mi fear ban na ruadh dhiu.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence