Skip to main content

‹‹‹ prev (203)

(205) next ›››

(204)
192
Aghaidh fhlathasach gun sgraing,
'S e do shealtuinn tha taltneach,
Suil chorrach fiidh *n mhala chaoil,
Gorm air aogasg na dearcaig.
'S glan an ruidhe tha na d' ghruaidh,
Boidheach, snuadh-mhor gun ghaiseadh,
Tha thu eireachdail gu leoir,
Co tha beo nach gabh tlachd dhiot ?
*S beinn learn ceileirean do bheoll,
Gabhail orain gu taitneach ;
Do ghuth mar smeoraich sa choiir,
'S tu trie a* seinn aig a Chaisteil.
Bha mi greis an Deas, 's an Tuath,
A' measg ghruaighaichean tlachd-mhor,
Ach aon idir, a thug barr
Ort a Mhari cha'n fhacas.
Gu*m fhalc mise thu aig fear og,
Dha'm bi stòras, a's pailteus,
Spreidh, a's fearann, agus fonn,
'S cridhe connmhor gun airceas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence