Skip to main content

‹‹‹ prev (122)

(124) next ›››

(123)
Ill
B' f hearr alia, a's luadh ann san t saoghal,
'Nuair bha iad air fogradh, 's air chall,
'S an cuid fearainn san am sin dha'n dith,
Gus an tainig reachd rioghail an àigh,
Chuir dhathigh gach àrmunn gu thir,
'Nuair a theid Achnacaraidh air doigh,
'S a ni Donull aun còmhnuidh le sith,
Thig cleachdan a shinsireachd beo,
'S freag'raidh creagan na mòintich do'n phiob ,
Bithidh toil-inntinn aig d'uai&lean, a's spòrs,
Theid mlghean air fogradh, a's sgios,
Bithidh fudar ga losgadh gu leoir,
'S daimh chroic air an leònadh san fhrith.
Gu meal thu nis d'fhearan, a*s d'inbhe,
Gach urram, gach briogh, a's gach àgh,
'S do phosadh ri maighdean dheas ghrinn
Dha'm bi' maise le aoidh, a's le gradh,
Dha'm bi' gliocas le fiosrach, 's le ceill,
I Dha'm bi' cairdean bhitheas treun ^n deagh ainm,
Dha'm bi' urram gach subhailc, a's beùs,
Dha'm bi foghlum le cèutaidh gun mheang.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence