Skip to main content

‹‹‹ prev (189) Page 177Page 177

(191) next ››› Page 179Page 179

(190) Page 178 -
178 BEATHA AGUS IOMPACHADH
achd, agus na 4ifeachd. Dh’ 61 m’anam gu
saibhir o’n uisg’ a thainig a mach o’n charraig.
Shruth sruthanan slainte agus sblais am
pailteas mor bho Chriosd, agus fhuair mise
fasgath do’m’ anam ana an cosan na carraige
so. Shuidh mi sios fo sgaile na carraige so
ann an tir airtneulaich agus shuidhich mi mo
chreideamh agus mo dhochasgu siorruidh oirre,
a deanamh di-meas air gach bunaid eile ; uime
sin tha mi a’ creidsinn nach toir dorsan na
h-ifrinn’ buaidh am’ aghaidh.
Tha mo Dhia ’na charraig, agus tha shligh-
eachan foirfidh agus bidh obair a ghrais
afin am anam air a deanamh coimhlionta ’na
h-am f6in cho cinnteach ri obair a’ chruthaich-
idh. Chunnaic mi gur ann am frbig na
creige so, agus nach b’ann an aite sam bith eile
anns am b’urrainn mi Dia a’ chluinntinn a’
gairm ainme, Eudmhor, Glic, agus Naomha,
(nach saor air aon chor an cionntach.) cho math
ri grasmhor agus trocaireach.
Thugadh orm mil agus ola a’ dheothal as a’
charraig so. O ! gu ma h-e dhomh nach di-
chuimhnich mi gu brith Dia a dheilbh mi mar
so ann an Criosd losa. Shamhlaich mi mi-f6in
ris an t-seilch-chreige* a tha beo an ceangal ris
a charraig agus a chrupas i fein ris a’ charraig
a chum a dion an uair a bheanas an ni as faoine
dh’i, agus nach urrainnear a bhuain gu'n a ro
A’chmch mhara, no chioch tkraghad.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence