Skip to main content

‹‹‹ prev (107) Page 95Page 95

(109) next ››› Page 97Page 97

(108) Page 96 -
96
BEATHA AGUS IOMPACHADIJ
rinneadh dhuinne le Dia ’naghliocas, ’na fliir-
eantachd, naomhachd, agus na shaorsa.” (1
Cor. i. 30.) Chunnaic mi a leithid de shealladh
glormhor de an Tighearn’ losa Criosd air
fhoillseachadh anns na briathran so nach bi mi
chaoidh comasach air aitliris.
Anns a cheud aite. Ghabh mi beachd air
Criosd mar ghliocas, no mar f haidh, air a sheul-
adh leis an Athair ris an dreuchd so; se sin ri
rkdh, chum toil De a theagasg dhomsa; agus
gu’n chaill mi co-chomunn ri Dia, agus gach
eolas slainteil air, agus gu’n robh an Tighearn’
losa Criosd air a dhanamh dhomhsa le Dia ’na
ghliocas, chum eolas ceart a theagasg dhomh air
an Dia neo-ainichte do’n d’rinn mi gu h-aineol-
ach aoradh ; (Gniomh xvii. 23,) agus an uair
a chreach an diabhol Adamh ann an staid neo-
chiontais, is mbr gu’m b’fhasa raise mhealladh
a nise le sgaile na diadhachd a ghabhail thugam
air son na brighe ; gu sonraichte chionn gu’m
beil mi falamh de gach gliocas spioradail.
Chunnaic mi mar an ceudna gu’n robh e
air a dheanamh le Dia dhomhsa ’na ionracas,
no ’na Shagart; agus mar an ceudna am feum
a bha agam air mar iad sin, a chionn nach robh
fireantachd cheart agam a bhuineadh dhom fein
ann an lathair Dia naomha. Leig Dia ris domh
farsuinneachd a reachd neamhaidh a riugeas
gu dearbh smuaintean mo chridhe, cho math
sa dh’ionnsaidh gniomharan mo bheatha. Bha
mo bheul mar so air a dhunadh agus dh’fhas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence