Skip to main content

‹‹‹ prev (106) Page 94Page 94

(108) next ››› Page 96Page 96

(107) Page 95 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
95
airc esan suas agus thubhairt e; thami faicinn
daoine mar chraobhan ag imeachd.” (Marc,
viii. 24.) An sin shaoil mi gu’m faca mi fann
sholus air mo staid fein nach b’urrainn solus
nkduir a thaisbeanadh dhomh gu brkth ; Esan
a thug orm gu’m faca mi, ge b’ann gu dbrcha,
na nithe so a tha thar solas nkduir ni e fhathast
’na am fein agus ’na dhbigh fein m’ aiseag gu
litn-sholus chum is gu’m faic mi gach ni gu
soilleir.
Bha mi mar an ceudna gu mor air mo
mhisneachadh le leughadh an Sgriobtuir so ;—
“ Air dhomh bhi dearbhta as an ni so fein,
eadhon an ti a thoisich deagh obair annaibh,
gu’n coimhlion e i gu latha losa Criosd.”
’Nuair a chaidh mi mach air feadh nan raon
a bheachd-smaointeachadh an deigh dhomh an
dara caibidil de Shoisgeil Mhata a leughadh,
rinn m'anam gairdeachas air son Slanaighear a
thighinn a dh’ionnsaidh an t-saoghail, agus
fhuair mi ni bu mho dh’fharsuinneachd no
b’abhaist dhomh do thaobh urnaigh. Bha
smaointean mills agam re an latha m’u ghradh
Dhe air son e chur Chriosd a shabhaladh
pheacach.
Air an dara latha de mhlos deireannach a’
gheatnhraidh 1743. Be sin an t-S&baid air an
d’fhosgail an Tighearna mo shuilean a chum
an. Ead&rmheadhonair fhaicinn ’na uile
dhreuchdan, on Sgriobtur so.;—“ Ach uaithe-
san a ta sibhse ann an losa Criosd, neach a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence