Skip to main content

‹‹‹ prev (85) Page 73Page 73

(87) next ››› Page 75Page 75

(86) Page 74 -
74 BEATHA AGUS IOMPACHADH
Bha mi fo mhor champar ’nuair a chuala mi
pobull De a’ gearan air an cor agus ag radh
•• O nach robh e dhomhsa mar bha e anns na
miosan a chaidh seachad. Bha uair anns am
faodainn a radh, “ is leamsa m’aon ghraidh agus
is leisan mise ach a nise tha mi ann an dorch-
adas mdr.” Theirinn, O ! a shluaigh.shona is
urrainn sibhse radh gu’n robh uair anns an do
dhealraich e air bhur pailliunaibh cia be air
bith mar dh’ fhaodas sibh labhairt a nise I
Na’m b’ fhios domhsa ciod e an ni co-chomunn
ri Dia chuirinn suas gu foighidneach leis a’
chrannachar a dh’brduich e dhomh. Ach
dhomsa tha chuis air mhodh eile. Tha sibhse
’gearan gu’m beil Dia air falbh uaibh, ach tha
mise gearan air Dia air nach d'fhuair mi riabh
eblas, O! nach robh fios agam C’aite am
faighinn ^ach do r6ir coltais cha bhi sin agam
gu brath.
Thuirt cuid gu’n tainig atharrachadh iong-
antach orm agus mar sin ghabh iad mi air son
duine naomha, ni a chuir mor chhmpar orm,
ainm a bhi agam gu’n.robh mi beb agus a bhi
fathast marbh. Nochd pobull D§ mor chaoimh-
neas domh, agus chuir sin doilgheas orm
mar an ceudna a’ faicinn an uair a bhiodh an
f haluinn riobach leis na mheall mi mi-fein agus
muinntir eile air a’ toirt dhiom gu’n gabhadh
iad grhin diom agus gu’m bithinn fo sgeig
shiorraidh aig diabhoil agus aig eucoraich air
an diteadh, agus gu’n abradh iad, “ Cia mar a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence