Skip to main content

‹‹‹ prev (70) Page 58Page 58

(72) next ››› Page 60Page 60

(71) Page 59 -
DHUGHAILL BOCHAINNAIN.
59
toradh a thoirt a mach ni’s mb ach drisean agus
cluaranan a bhi fas suas a rithist, “ air a chuir
air chiil, agus fagasg do mhallachadh; do’n
deireadh a bhi air a losgadh.” Eabh. vi. 8.
Air dhomh a bhi aon latha ni bu mho na’
b’hbhaist air mo thoirt nuas le smaointinn g’un
robh mi air mo chuir air chul bha mi ro fhad
air son a dhol do dh’ aite uaigneach far am
faighinn comas air m’anam a dhortadh a mach
ann an lathair an Tighearna, ach cha chead-
aicheadh mo ghnothach saoghalta dhomh sin a
dheanamh.anns an am, thuit trom sgios air m’
aigneadh uime sin thug mi oidheirp air an
latha chur seachad ann an urnaighean durach-
dach goirid gus am faighinn cothrom air an
Tighearn’ iarraidh gu h-uaignoach.
Mu fheasgar ’nuair afhuair mi’ mi-fp',n saor
o mo ghnothaichean saoghalta chaidh mi gu
m’urnaigh agus shaoil mi gu n do tharrainn an
Tighearna mi dlu do chathair na trbcair. Bha
mo bheul lan de dh’argamaidean, agus thuit
mo bhanntaibh dhiom, agus ruith mo shiiilean
le debir.
An deigh dhomh buanachd re uime anns an
dleasanas so shaoil mi gun tainig an sgriobtur
so le bhuaidh mhilis a dh’ionnsaidh m’inntinn.
‘ An toir mi gus a bhreith agus nach toir
mi fanear gu’m beirear? deir an Tighearna.”
(Isa. Ixvi. 9.) Thainig ciuinead mhor maille
ris an fhacal air m’anam. Roimhe sin bha ml

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence