Skip to main content

‹‹‹ prev (9) Page 5Page 5

(11) next ››› Page 7Page 7

(10) Page 6 -
* 0
6 URNAIGHEAN ROMH ’n AIFRINN.
e pais agus bits air ar son anns an nadur dhaonda;
gu’n d’eirich e rithist bho’n bhas ; gu’n deach e
suas air neamh; ’s gu’n tig e a sin a ritMst
a thoirt glbire siorruith do na daoine diadh-
aidh, agus peine siorruith do na daoine mi-
dhiadhaidh. A thuilleadh air sin, tha sinn ag
creidsinn gach aon ni a tha’n Eaglais naomh
Chaitliceach ag cur mu ’r coinnimh a chreid-
sinn : a chionn gur h-e Dia an fhior fhirinn nach
urrainn mealladh no ’bhi air a mhealladh, a
thaisbein gach firinn dhi. Amen.
Gniomh Ddchais.
A Dhia, a chionn gu’m beil thu uile-chumh-
achdach, uile-thrbcaireach, agus uile-mhathasach,
agus ro-fhirinneach na d’ ghealladh, tha sinn ’an
earbsa gu’n toir thu mathanas dhuinn na’r peac-
annan as leth toillteanas do Mhic losa Criosta;
agus gu’n cuidich thu sinn le d’ ghrasan gu
leantainn air gniomhannan math a dhianamh,
leis an coisinn sinn a’ bheatha shiorruith a tha
thu ’gealltainn duinn anns na flaitheas. Amen.
Gniomh Graidh.
A Dhia, bho’n a tha thu uile-mhath annad
fhein agus uile-mhathasach dhuinne, tha sinn a’
toirt gaoil dhut thair gach ni le’r n-uile chridhe,
le’r n-uile anam,le’r n-uile inntinn, agus le’r n-uile
neart; agus air son do ghaoil-sa, tha sinn debnach
* *

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence