Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view
33
àite 's an robh Eaglais aig ar Tighearn anns an
t-saoghal, chum e an cupan so ri ceann nan uile
dh'fhuiling : bhlais na mairtirich uile dheth, agus
theid e ri beoil na h-uile mairtireach a dh'f huilingeas
air son Chriosd, eadhon gus an sèirm an trompaid
dheireannach. Gidheadli, a phobull Dè, cha'n 'eil
na naoimh gu blasad ach do uchdar ; ach bithibh-
se foighidneach ann an creidsinn, oir bheir Dia air
na h-aindiadhaich 'ur luchd-geur-leanmhuinn-sa
agus a nàimhdean-san an Albainn, gu'm fàisg iad
deasgainnean searbh a chùpain so troimh 'n uile
shìorruidheachd, agus gu'n sgeith, agus gu'n tuit
iad, agus nach èirich iad ni's mò. Creidibh e,
cuiridh ar maighstir-ne seachad an cùpan so, agus
dùnaidh se e, agus sluigidh e suas ùine aun an
sìorruidheachd, agus seididh e an trompaid mhòr
sin, agus an sin thèid neàmh agus talamh nan
caoribh dearg còmhladh. O ! a chreidmhiche,
bitheadh fadachd oirbh air son an latha urramaich
sin ; oir cuiridh e crìoch air 'ur n-uiie laithean
doilghiosach do dh' fhulangas. Tha cuimhne agam
air earrann do bheatha Righ mòr, a chaidh thar
cùaintibh gu cath, agus an uair chunnaic e co
lionmhor 's a bha 'naimhdean, oir bha àireamh am
feachd fada os ceann àireamh 'f heachd-san, thubh-
airt e ri Ard-cheannard, " Ciod a ni sinn? is lion-
mhor iad gu mòr na sinne." Fhreagair a Cheannard,
misneachail treubhach; " Cogaidh sinn fo bhrat-
aichibh ar nàimhdean, agus bheir sinn buaidh
orra." Agus is amhuil a rinn iad. Mar sin cog-
aidh na nanuisean urramach a tha fulang air son
Chriosd, gu gaisgeil agus gu trèubhach, fo sgàil
an luchd-geur-leanmhuinn, agus mar sin bheir
iad buaidh orra. Gu cinnteach cheannsaich Iosa
Criosd. Ceannard urramach ar slàint-ne, an luchd-
geur-leanmhuinn fuilteach so an Albainn, na cùig
bìiadhna thar fhichead so chaidh, rinn e buaidh
chaithream ni bu glilòrmhoire os an ceann, ni's
mò le fulangas foighidneach nan naomh, na ged
bhuaileadh e sìos uile iad ann am momeint ;

Set display mode to: Large image | Transcription
Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated.
Rare items in Gaelic > Books and other items printed in Gaelic from 1841 to 1870 > Caismeachd do dh'Albainn > (35) Page 33 |
---|
Permanent URL | https://digital.nls.uk/100264573 |
---|
Description | Out-of-copyright books printed in Gaelic between 1631 and 1900. Also some pamphlets and chapbooks. Includes poetry and songs, religious books such as catechisms and hymns, and different editions of the Bible and the Psalms. Also includes the second book ever published in Gaelic in 1631. |
---|