Skip to main content

‹‹‹ prev (33) Page 31Page 31

(35) next ››› Page 33Page 33

(34) Page 32 -
32
chuideachd aims an stòirm a tha coslaeh ri bhur
còmhlachadh gu h-aithghearr anns na tìribh so.
Uime sin, a chàirdean, is iomadh crànnatha treabh-
adh an diugh air fearann ar Tighearn an Albainn ;
ach gu h-aithghearr fuasglaidh e cuid dhiubh, agus
gearraidh e an cùird, agus taisgidh e iad rè tamuill.
" Tha an Tighearna cothromach : gheàrr e bho
cheile cùird nan aingidh."
A nis, a ehàirdean, ciod a chum suas iadsan a
dh'fhuiling air son Chriosd an Albainn an dà
bhliadhna thar fhichead so a chaidh 1 Chum comh-
chomunn 'fhulangais, Philip iii. 10. Agus a bhi
coilionadh fulangasa Chriosd an Albainn, a rèir
òrduigh aosda nain flaitheanais. Air mo shon fèin
ma their e rium dol agus fulang air a shon, cha'n
'eil mi 'g iarraidh tuille. Bho 1660, gu 1666,
bliadhna Phentland, dh'iarr e air mòran a dhol agus
fulang air a shon air stòil-chasgairt agus air croich-
ibh, cha d'iarr iad tuille ach ughdarras-san, chaidh
iad, agus thug esan gu tearuinnte troimhe iad. Ann
an 1666, bliadhna Phentiand, dh'iarr e air na h-
uiread so a dhol gu raon a' chath agus bàsachadh
air a shon-san, agus air mòran a dhol gus na stoil-
chasgairt agus am beatha a leigeadh sios air a shon-
san ; cha d'iarr iad tuille ach ughdarras-san, chaidh
iad, agus thug e gu cliuiteach troimhe iad. A
rithist,, ann an 1679, aig Bothbhel, dh'iarr e air na
h-uiread so a dhol gu raon a' chath agus gus na
stòil-chasgairt agus bàsachadh air a shon-san; cha
d'iarr iad tuille ach ughdarras-san, agus chaidh iad.
Dh'iarr e air na h-uiread so a' dhol a chum nan
cùaintibh, gu bhi 'n am biadh do na h-iasgaibh air
a shon-san ; cha d'iarr iad tuille ach ughdarras-san,
agus chaidh iad. Agus an deigh sin ann am
bliadhna 1680, aig Airs-moss, dh'iarr e air na h-
uiread so a dhol gu raon a' chath agus gus na stòil-
chasgairt air a shon-san ; cha d'iarr iad tuille ach
ughdarras san, agus chaidh iad. Thàinig cùpan
an fhulangais so a nuas na h-uile cèum bho Abel
gus a bhliadhna-so, 1685, an Albainn. Ge b'e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence