Skip to main content

‹‹‹ prev (56)

(58) next ›››

(57)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
(Le feirg.) Agus co thusa—a dh’fhaotainn coire dhomhsa
mu atharrachadh phort ? Chan eil thu ’nad fhear
riaghlaidh air na meineachan fhathast, a Mhurchaidh, agus
thoir an aire cionnus a bhruidhneas tu riumsa.
Murchadh.
Gabhaibh mo lethsgeul, Aonghais. B ’fhearr gu ’n cuirinn
casgadh air mo theangaidh. Theagamh gu bheil mi cearr,
’s nach eil mi ach ag altrum aisling na h-oidhche.
Aonghas .
{A1 fionnarachadh beagan.) ’S math a thig dhuit a
dheanamh.—A’ bruidhinn riumsa mu atharrachadh phort.
Thu fhein ’s do mheineachan!
{An dorus m6r ’ga fhosgladh agus Caiptein Tearlach
a’ tighinn a stigh.)
An Caiptein.
Tha sinn deas gu falbh, a Mhurchaidh. Beartaich ’s
bithidh sinn a’ togail oimn.
{Tha Murchadh a’ dol am mach, ag amharc gu dubhach
air Morag ’na suidhe aig an teine ’s a culaobh ris.)
Am bheil thu air na meineachan fhathast, Aonghais?—
* ‘ A beachdachadh ’ ’ math dh ’fhaoidte air mo thairgse mu 'n
chroit ?
Aonghas .
{A ’ lasadh le feirg’s ag eirigh air na trbsdain.)
"A’ beachdachadhl” ’S mi tha.—“A’ beachdachadh'
’S toigh leis a’ Chaiptein a bhi ri feala-dha. Ach tha
51