Skip to main content

‹‹‹ prev (55)

(57) next ›››

(56)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Morag.
Seadh, direach ! ’S cha bhi fuachd no fliuchadh aig na
meineachan iaruinn ! ’S cha bhi na h-uairean fada! ’S cha
bhi na h-Eirionnaich fiadhaich ’s na Sasunnaich amaideach
ag 61 ’s a’ sabaid, ’nuair a bhios iad ag cladhach ann am
Beinn nan Creach !
Murchadh .
Cuiridh tu thar mo bheachd mi le d ’ theangaidh sgaitich.
Morag.
Chan eil sin aig mo theanga-sa r’a dheanamh. Tha
Murchadh Mac Aoidh thar a bheachd mar tha—eadar foghlum
is aghartachadh—agus an corr.
{Tha i ’gul a rithist agus a’ suidhe aig an teine ’s a
culaobh ri Murchadh.)
Aonghas .
A Mhorag, tha thu mothas trom air Murchadh. Agus, a
Mhurchaidh, tha tomhas de ’n fhirinn agaibh le cheile. ’Nam
bharail fhein, bithidh coltas neonach air Beinn nan Creach
an latha nach fhaicear fraoch air a sliabh, no a’ mhaigheach
a’ leum feadh nan coireachan. Cluinnibh so. Chan eil
iarraidh sam bith agams’ air an cuid mheineachan, no air
am beingean aibhne. Tha mi ’cur m’aonta le Morag.
Murchadh .
{Gu sgaiteach.) Cha robh sibh fada ’g atharrachadh ’ur
puirt. Gu de ’thuirt sibh o chionn tiota mu ’n airgiod a
bh’ ann?
50