Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghais.
[Tha Aonghas a’ tighinn air na trbsdain, ’s a ’dol
’na shnidhe.)
Tha thu ’fas sean, Aonghais. Tha fhios gu 'm b’fhearr
leaf a bhi cuidhteas a’ chroit ?
Aonghas .
(Gu socrach.) Chan eil dad cearr air a’ chroit le 'r cead—
sean ’s mar a tha mise.
An Caiptein.
Ach cuimhnich an dochann a fhuair thu. ’S gann gu ’m
faigh thu a’ chuid as fhearr dheth tuilleadh. Eisd rium!
Tha feum agams’ air a’ chroit agad Aonghais, agus paidhidh
mi gu math thu ma dh’fhagas tu i. Gu de, saoil thu nis, a
ghabhadh tu, agus a fagail?
Aonghas .
Tha fhios gur ann airson nam meineachan iaruinn a tha
i dhith oirbh. Chuala mi ’n dotair a’ bruidhinn mu ’n
tiomchioll.
An Caiptein.
Tha e coltach gu bheil thu l&n fhiosrach mu ’n chuis—
De ghabhadh tu ?
Aonghas .
Dh’fheumainn beachdachadh gu ciiramach le’r cead.
An Caiptein.
Ach gu de—?
Aonghas .
Chan urrainn mi Tadh.
38