Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Caiptein.
Paidhidh sinn gu math e, ’s gheibh sinn am mach e.
An Coirneal.
Creid thusa mise, is treasa gradh duthcha na gaol an
airgid ann an cridhe ’Ghaidheil. Chan fhag Aonghas
a' chroit !
An Caiptein.
Cha bhi dragh sam bith againn leis. Chan iarr Aonghas
na ’s fhearr na gu leoir de ’n uisge bheatha. Is treasa gaol
an drama na gradh duthcha, le ’sheorsa la sam bith.
Thugamaid a stigh e agus chi sibh.
An Coirneal.
Cha ruig thu leas. Agus co dhiubh, feumar stad a chur
air a’ ghnothuch chuthaichte so, mu ’n teid e na ’s fhaide.
Tha mi ’na aghaidh bho bhun gu barr.
An Caiptein.
Bithidh atharrachadh beachd agaibh ’nuair a chi sibh
an t-airgiod a’ taomadh a stigh oirnn. Cha ghabhar grabadh
a chur ann a nis. Tha ’n cumhnant deanta, gu laghail,
daingean. Ach cluinneamaid gu de th’ aig Aonghas r a
radh.
An Coirneal.
Na cuir an dragh ort fhein. Tha mi seachd sgith de n
chuspair mhuladach so.
An Caiptein.
[A ’dol gu dorus an t-seomair.) Thig an so, mionaid,
37