Skip to main content

‹‹‹ prev (37)

(39) next ›››

(38)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Caiptein.
Am bheil sibh deas, a Dhotair? {Tha ’n dotair ag
aontachadh.) ’S fhearr dhuinn a bhi falbh. 0 ! Aonghais !
Ciamar tha ’n lurgann ?
Aonghas .
Taing dhuibhse, a Chaiptein. Tha i gu math na 's fhearr.
Tha mi ’n dochas gu bheil sibh fhein gu math.
An Caiptein .
O ! Tha mise ceart gu leoir ! Am falbh sinn, a Dhotair?
An Coirneal.
Chan fhaod e bhi gu bheil thu tilleadh air do shhil.
Theirig dhachaidh comhla rium fhin—thu fhein agus Mr.
Stockman. Bu mhath learn beagan comhraidh a bhi againn.
An Caiptein.
Chan fhaod mi ’nochd, athair. Tha agam ri tilleadh
do Dhuneideann a chum cuisean a chur air doigh.
Feumaidh mi fuireach an Torlochan an nochd, a dh’fhaotainn
a ’ bhata trath’s a mhaduinn.
An Coirneal.
Seadh, mata, ach bu mhath learn facal eadarainn fhin
mu’m falbh thu. A Mhrs. Galletly am faod sinn dol do 'n
t-seomar aoidheachd agaibh car tiota. Tha mi duilich an
dragh a chur oirbh.
Mrs. G.
An seomar! Tha h-uile ni troimh cheile ann. Chan eil
mi ach an deidh a ghlanadh, ’s chan eil teine agam air.
Fanadh sibhs’ ann an so, ’s theid an dotair ’s an duin’
uasal so comhla rium fhin a dh’ fhaicinn a’ mhuidhe uir
agam. Agus theid Aonghas d’ a sheomar fhein.
32