Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
dotaireachd. ‘‘ Cardiac end of ttic stomach, tail of pancreas,
spleen, splenic flexure of colon, left kidney, left suprarenal
capsule, agus left suprarenal sympathetic plexus.”
Mrs. G.
Am Freasdal g ’ ar dion! Am bheil na gnothuichean
uamhasach sin \san taobh a stigh aig Iain ?
Aonghas .
Mo laochan an Dotair !
Dr. M.
Tha, gun teagamh. Tha fhios agaibh gu bheil
miorbhuilean mora co-cheangailte ri cruth mhic an duine.
Mrs. G.
(Gu togarach). Sin agaibh e ! ’Dhotair, sin agaibh e !
Chruthaicheadh sinn le cumhachd as Airde. Nach minic
a thuirt mi sin riut, Aonghais.
(Fuaim o’n leth ’muigh—bruidhinn dhaoine.—Tha i
’dol a dh’ ionnsuidh na h-uinneige).
Gu de th’againn a nis? Gleidh mise! Tha’m baidean ud
air tilleadh, agus an Coirneal air at le feirg, coltach ri
Coileach Frangach.
(Tha ’n dorus mor ’ga fhosgladh, agus tha ’n Coirneal
a’ tighinn a stigh, agus comhla ris, Tearlach a mhac,
duin’og, mu dha dheug thar fhichead, cromadh beag ’na
ghuailnean, agus coltas car coma co dhiubh air a
chomhradh slaodach—Beurla Shasuinn. Tha Stockman,
fear an "Haematite” leo—duine mu dha fhichead, dorcha
’s anaghaidh, agus coltas neo-shuidhichte, furachail air. Tha
e ’seasamh beagan air culaobh chdich, gun mhoran aige
ri’ radh.)
31