Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Iain.
Bithidh am blar air shiubhal eatorra, ’s tha mise ’dol a
bhi’ lathair.
{Tha e ’dol an deidh a’ Choirneil.)
Aonghas .
{A’ gaireachduinn.) Na cisean bais a rithis. Nach
d’thuirt mi ribh? Cha chord e ris a’ Choimeal iad a bhi
’milleadh na frithe.
Mrs. G.
Gu de ’n t-ait 'tha sin ?
Aonghas .
Frith nam fiadh. Bu toigh leis a’ Choirneal riamh a bhi
'sealg an daimh 's na circe fraoich. Ach 'se 'tha 'm beachd
an fhir oig a' bhi 'cladhach storais a broinn na beinne. Nach
d thuirt mi ribh gur neonach an ni na cisean bais ?
Dr. M.
Tha mi gad thuigsinn, Aonghais. Chuala mi sanas beag.
Thug an Coirneal an oighreachd do Thearlach, a chum a bhi
cuibhteas nan cisean bais. Nach e sin an naidheachd a tha
dol. Agus a nis chan eil an duine truagh ach an toiseach a
dhragh inntinn.
Aonghas .
Direach mar sin! Chan eil dad 's an dan do'n Choirneal
a nis ach dragh inntinn is carraid.
Dr. M.
Tha iad ag radh gu bheilf ‘ Haematite ’ ’ Beinn nan Creach a
chearta cho math ris an stutha tha 'tighinn thairis a Lochlann.
Chan eil teagamh nach fhaigh iad margadh math, a chionn
26