Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Coirneal.
Miotailtean! Cha chuala mi facal mu n ghnothuch,
gus a nis. Am Freasdal g’ am dhion! Chan fhaod e bhi
gu bheil iad a’ bruidhinn air meineachadh ann am Beinn nan
Creach.
Dr. M.
Thugaibh maitheanas dhomh ma tha mi air thoiseach air
mo naidheachd. Shaoil mi gu ’m b’ aithne dhuibh a h-uile
ni mu ’n chuis.
An Coirneal.
Mise! Cha chuala mi diog gus a nis.
Dr. M.
B’e sin cuspair an seanachais fad an rathaid a’ tighinn,
’s cha b’urrainn domh gun an cluinntinn. A reir coltais
tha gu leoir de ’n mhiotailt so feadh na Gaidhealtachd.
An Coirneal.
Mo chreach! Mo chreach! An ann a’ dol a thruailleadh
Eilean Arois a tha iad le’n cuid meineachaidh ?
Iain.
Seadh direach ! Cha bhi cor na caora-dhubh-
cheannaich ach truagh gu leoir aon uair ’s gun toisich sin.
(Ag amharc troimh’n uinneig.) Tha ’n Caiptein a tilleadh
a nuas taobh na beinne.
An Coirneal.
Feumaidh mi bruidhinn ri Tearlach mu ’n ni so.
A’ meineachadh! mise ’n diugh !
(.4 ’ dol am much an dorus m6r ’n a chabhaig.)
25