Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
am buidealear ’s na seirbhisich eile ’s an Tigh Mh6r a
bruidhinn. Chan eil muinntir a’ “Phost Office” ann an
Torlochan cho tosdach ’s a thigeadh dhoibh a bhi. Creidibh
mise ! ’S i ’n fhirinn a th’ agam anns gach facal a thubhairt
mi.
Mrs. G.
Chan eil teagamh nach eil thu ceart. Thug mi ’n aire
gu ’n d’thainig seers’ athaidh air a’ Choirneal ’nuair a thug
mi tarruing air Caiptein Tearlach. Och nan Och! Nach e
am mealltair mac an duine, Aonghais ?
(Bualadh aig an dor us).
So an dotair air tighinn mu dheireadh.
[Tha ’n Dotair Moireastan a’ tighinn a stigh—duine
dg mu choig deug is jichead bliadhna—soilleir ’s an aghaidh,
agus coltas aoibheil air—mdileid bheag aige ’na laimh.)
Dr. M.
Tha latha math ann, a Mhrs. Galletly. Ciamar tha thu ’n
diugh, Aonghais? Cionnus a tha ’n lurgann ’s na h-aisnean?
Aonghas .
Tha na h-aisnean air leigheas gu ciatach, a dhotair,
’s chan fhada gus an teid agam air a’ phiob mh6r a sheideadh.
’S chan eil an lurgann idir gu dona. Theid agam air
na h-6rdagan a chluich gun ghoirteas mor sam bith.
Dr. M.
{A’ laimhseachadh nan ceanglaichean.) Gle mhath! Stad
ort a nis! Ochd seachduinnean o ’n a dh’eirich an dochann
duit. An ceann cheithir la deug, theid agad air cudthrom
a chur air an lurgainn. ’S math an gnothach thu bhi far
21