Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
Ma bhios oighreachd fearainn, no torr math airgid
aig neach, los an car a thoirt as an ard Riaghladh, tha e 'ga
liubhairt d' a mhac no d’ a nighinn, no do dhaimheach
eile ag radh "So dhuitsa mo chuid. Nuair a thig am Ms
orm, cha bhi dad agam air an gabh cisean bais togail. Chan
fhaigh na h-Ard Riaghlairean sanntach sgillinn de m’ chuidsa,
ma theid agam orra. ’'
Mrs. G.
An deagh chleas a leobhra! Feumaidh mi cagar a chur
an cluais Iain. Chan eil ’s na h-ard Riaghlairean ach na
dearbh shlaightearan.
Aonghas .
Sin agaibhse, mar a rinn an Coirneal.
Mrs. G.
’S nach bu ghlic mar a rinn.
Aonghas .
Ach chan eil e furasda leis a’ Choimeal a ghabhail a stigh
fhathast nach e fhein an t-uachdaran. Bheir esan aon
ordugh, agus an Caiptein ordugh eile. Sin mar 'tha 'tachairt
a thaobh caradh an t-sabhuill.
Mrs. G.
Nach tu fhein an sgoilear, Aonghais? C’ait air thalamh an
d’fhuair thu a leithid de dh’fhiosrachadh ?
Aonghas.
'S aithne do na h-uile duine na tha mi ’g innseadh dhuibh.
Nach robh an tarbh a choisinn a’ chend duais aig a "Chattle
Show air a chur a stigh ann an ainm a’ Chaiptein. Bithidh
20