Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Coirneal.
Na tugaibh suim dha. ’S toigh leis na Baillidhean a bhi
bruidhinn ’san doigh sin.
Mrs. G.
A cheart fhacal a thuirt mise ris. Ach thuirt esan
gu ’n robh iighdarras aige bho Chaiptein Tearlach a radh nach
robh sgillinn ri ’chosg air tigh ’sam bith air an oighreachd.
An Coirneal.
Ughdarras bho Thearlach ?
Mrs. G.
Seadh, direach! Ughdarras Thearlaich ’nr mac le’r cead.
An Coirneal.
{Air a chur mu ’n cuairt). O Seadh! Direach sin—'S
an d thuirt Tearlach sin? Ach theid sinn a choimhead
an t-sabhuill, Iain (ag amharc troimh’n uinneig). 0—theid
againn—air a’ ghnothuch a cheartachadh—tha mi ’creidsinn.
Iain.
Thigibh mar so, a Choimeil, le 'r cead. Theid sinn am
mach troimh ’n chlobhsa.
(Tha iad a’ dol am mach an dorus ciiil).
Aonghas .
(Le snodha gdire). Sin agaibhse sin! Na cisean bais !
Mrs. G.
Gu de'm breisleach a th’ air tighinn ort a nis?
Aonghas .
An rud a tha mi 'g radh. Na cisean bais!
18