Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
An Coirneal.
Seadh!
Iain.
Ghabh mi comhairle m’athar—agus so far am bheil mi.
Mo bheannachd air m’athair coir agus air a bheachdan mu
bhaile fearainn !
An Coirneal.
Saoil nach eil thu rud beag from air d’ athair, Iain?
Iain.
Chan aidich mi sin. Seallaibh! Fhuair e stochd is
uidheam na bu shaoire an taobh so na gheibheadh e 's a
Ghalldachd. Ach is dan domh bhi 'gearan. Ann an doigh,
tha ’n t-aite math gu leoir.
Mrs. G.
Math gu leoir, Iain—agus fios agad fhein air staid an
t-sabhuill!
An Coirneal.
Seadh! Seadh! An sabhull! Feumar a chur air doigh,
agus theid sealltuinn as a dheigh. Ma’s math mo chuimhne,
bha ni eiginn air a dhearmad 's an aonta, bu choir a bhi
ann. Tha e iomchuidh gu ’m faigheadh tuathanach ur a
h-uile cothrom. Rachamaid a mach a ghabhail seallaidh
mu ’n cuairt. Cuiridh sinn an sabhull air doigh. Na biodh
curam oirbhse.
Mrs. G.
’S math leamsa sin a chluinntinn. Thuirt am Baillidh
agaibh fhein rium an de, nach cuirteadh lamh ann.