Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
bliadhna, air ’eideadh ann an deise ghasda de chib na h-
Earradh, brigis ghoirid, seorsa de shumagan leathraich air
a ghuailnean, gloine speuclarach ’na leth shuil—'g a
ghiulan fhein mar Oifigeach Airm. Tha e nasal, aoibheil
’na chomhradh.)
O 's e ’n t-Uachdaran fhein a th’agam, 's mi
smaointeachadh gu ’m bu sibh an dotair.
An Coirneal.
(A ’ breiih air laimh oirre.)
Ciamar tha sibh a Mhrs. Galletly. Agus ciamar a tha
fear an tighe?
Mrs. G.
Taing dhuibhse, tha sinn uile gu math. Tha Iain am
muigh a' toirt sula air na beathaichean.
An Coirneal.
Gle mhath ! Cha d’ rinn mi ach tadhal a dh’fharraid
Aonghais, Js mi 'gabhail sr&id dhomh fhin.—sia mile
’tighinn agus sia eile Tilleadh. Cha suarach an t-sraid i
do fhear m’ aois-sa. Ciamar tha thu, Aonghais? {A’ breith
air laimh air.) ’S ciamar tha ’n lurgann ?
Aonghas .
Taing mhor dhuibhse—Tha mi gu miorbhuileach, le T
cead.
Mrs. G.
“Gu miorbhuileach” ars esan. Cha bheag am miorbhuil
thu bhi Tathair idir—ag 61 fad an latha ann an Torlochan
Js a’ tighinn dachaidh lan dibhe, le each is cairt lan bathair—
13