Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Mrs. G.
Tha e riamalach gun teagamh. Ach na earb thus’
a dotair. Cuir do dhochas ann an Ni Math. Seachainn
an deoch laidir, agus cuir d’ earbsa’s an Fhreasdal.
Aonghas .
Am Freasdal! ’Nuair a chaidh roth na cartach thar mo
lurgann, ’s beag a rinn am Freasdal dhomhsa.
Mrs. G.
Nach eagalach a’ chainnt a th’ agad?
Aonghas.
Lurgann bhriste agus tri de na h-aisnean agam! Na
cluinneam an corr mu ’n Fhreasdal!
Mrs. G.
S e trocair an Fhreasdail a chuir nach eil do dbg lurgann
briste—a dhuine gun mhothachadh!
Aonghas .
Mise gun mhothachadh! Co dhiubh chan eil mi coltach ri
cuid, a cur mar fhiachaibh air daoine gu bheil mi ni’s fhearr
na tha mi.
Mrs. G.
An ann ormsa tha thu ’deanamh—Och is Och! b’fhearr
gu n robh thu mach as a so, shuas an gleann ’nad dhachaidh
fhein.
[Bualadh aig an dorus mhdr.)
So an dotair mor agad a nis. Mo bheannachd air !
{Tha i fosgladh an doruis agus co a th’aice ach an
Coirneal Moraidh, duin’ uasal mu chuig agus tri fichead
12