Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
111 i ihag'ail an lan ughdaras an Rath-innis , ag'us tha mi 'g-
earbsadh nut a h-uile h-innleachd a chleachdadh a chum Triath
Rath-innis a chur san rib—bed no marbh, gabh beachd-—bed—
no marbh. Gun sin cha bhi sith ’sna h-eileanan. Cuiridh tu
freiceadan ar gach bealach ’s air gach bagh a chum is nach bi
dol as aige (Na mnathan ’nan suidhe a’ gul) gus an tig e air
beulaibh ceartais an Duneideann.
h ear Locha-Sgalain (.4^ deanamh umhlachd)—Ni mi mo
dhicheall, le r ceaci, a chum bhur n-drdug'h a chur an gniomh.
Fear a Ghlinne—I apadh leat. Fha mi cur lan earbsa
asad. 1 ha gnothuch eile a’ glaodhaich riumsa, agus bithidh
mi falbh. Sian leat, agus cluinneam gu trie bhuait.
Fear Locha-Sgalain (A’ deanamh umhlachd)—Sian leibh, a
Threibh.
(1 held hear a’ Ghlinne am mach. Ni na saighdeirean
umhlachd dha.)
t ear Locha-Sgalain (Gu taireil)—Ho hd ! An e gun d’thug
an damh-feidh am fireach air, ’s na h-earban fhagail ’na dheidh !
Nach faod mi suidhe lamh riut, a chaileag?
(F a’ suidhe air an tulg Idmh ri Mdiri.)
Bean (A’ togail a’ chlobha)—B\ siobhalta, ’ille ! Ma tha
t’ arm fein agadsi, tha m’arm fein agamsa : arm nan cailleach ;
agus bi siobhalta !
Mairi (Ag eirigh ’na seasamh)—Bi modhail; agus ged tha
thu ’n diugh air eathair an uabhair, bi ’d Ghaidheal. Is e sin—
mur a h-aithne dhuit e—bi ’nad dhuin-uasal. (Na mnathan
a’ maoidheadh air.)
Bean eile—Bi direach socrach.
An treas bean—Thoir an urram fein do mhnathan.
Mairi (A ’ leantainn)—Oir an te ud (A ’ toirt am mach na
sgine), a tha fathast blath o chruachainn Fear Rath-innis,
gheibh i aite as blaithe ann ad uchd-sa.
Fear Locha-Sgalain (Ris fein, 's e ag eirigh ’na sheasamh
le athadh)—Fheara. ’s a dhaoine ! Am faca mi riamh iomhaigh
mnatha as bdidhche ! A cruth ’s a h-aogasg ag innseadh a
tighinn ’s a h-arach, ’s an fhuil uaibhreach a tha ruith ’na
cuislean. (A ’ hruidhinn gu h-drd.) A nighneag, na gabh mo
dhanadas gu h-olc. Gabh mo leisgeul. Bheir mi daonnan
urram agus meas Gaidheil do mhnaoi. Cha ruig thu leas arm
stailinn g’ad dhion. Tha’n dion ort, a th’air gach uile mhnaoi :
gur boireannach thu. Mar Ghaidheal a bheir geill do rian a
shliochd cuiridh mise urram air an dion sin ; agus, mar
chomharra, cho math ri cuimhneachan, air an larach air am
bheil sin, ni sinn iomlaid sgian—
Mairi (.4 leth-taobh)—O, am bheil mo shuilean ’g am
mhealladh. Ball-ddbhrain air a leth-cheann chll. “ Bi ’nad