Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
20
g-un mhionaid a chall. Bidh mise aig fois a’ smaointinn gum
bi thu tearuinte, socrach air corsaichean Locha Muighe.
Mairi—O, ciod e ’n t-socair dhomhsa a bhi a’ smaointinn
ortsa air ana-cothrom is ’gad sheaig o charn gu earn?
Sir Iain—Is eutrom an t-uallach learn e as leth Rath-innis ’s
a shluaigh. Sin agad mo sgian-dubh, a Mhairi. Biodh i
agad mar chuimhneachan orm, ma tha e ’n dan duinn gun
coinnich sinn am feasda. So (E pdgadh na sgine.)
Mairi-—Agus so ('Ga pdgadh, cuideachd).
Sir Iain—Mo bheannachd leat, a ghaoil (E ’ga pluchadh r’a
bhroilleach).
Mairi (A ’ tuireadh)—O, Iain, ciod e mar a dhealaicheas mi
riut ? Nach truagh—nach truagh nach b’e mo choir bho’n
chleir dol 'nad chuideachd troimh na h-uile foirneart. Cha
tamh learn tuilleadh tamh na h-oidhche. Chan fhois learn fois
an la, agus fios agam nach bi do ch6mhnuidh-sa ach an taic nan
stuc, gun leabaidh ach am fraoch no ’n raineach, gun chluasaig
ach do ghairdean treun, ’s do bhreacan-guaille a’ cur fasgaidh
ort o oiteig na h-oidhche.
(Fuaim a’ chath a’ tighinn na ’s dluithe.)
Sir Iain—Tha so a’ dluthachadh. Sian leat, a Mhairi !
Sian leibh uile (Na mnathan a’ gul). Mo shoraidh le mo
sheann dachaidh, is le dealbhan m’ athraichean a tha a’
sealltainn a nuas orm o na seana bhallachan. Sian leibh ; slan ;
slan !
(Theid Sir Iain am mach.)
Mairi—O, nach b’e an deuchainn e !
Na mnathan—O, a Shir Iain ; a Shir Iain ! Och, ochan i !
Nach arm air Rath-innis a thainig e !
Mairi (A’ sealltainn troimh 'n uinneig)—O, mo chreach !
Tha fir Rath-innis a’ dol seachad ’nan ruaig. Tha’m blar a
dh’aon taobh a nis ; is monadh is beinn do fhir Rath-innis.
Stadaibh ; stadaibh !. So toisichean Fear a’ Ghlinne a’ tighinn
a steach, is uabhar na buaidh ’nan gnuis.
(Thig Fear a’ Ghlinne is Fear Locha-Sgdlain, is saighdearan
a steach.)
Fear a’ Ghlinne—So an nead ’s an cuachan ; ach tha’n
t-eun air teicheadh , agus an cathachadh gleusda a rinn sinn
air a chur an dolaidh. Cha bhi duil ri sith no ri rian an Rath-
innis am feadh ’s a bhios Sir Iain ’s a chuideachd air an
daingneachadh am measg nam beann, far an teid aca air frith-
chogadh a chumail air aghaidh gun taing le bhi toirt siuth-
aidhean gun fhios a nuas gus na raointean mar iolairean
spuireach nan ilbhinnean. Fhir Locha-Sgalain, a charaid, tha