Skip to main content

‹‹‹ prev (557) Page 35Page 35

(559) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(558) Page 36 -
An Gaidheal C
amh, agus an uair a thainig a’ mhadainn is esan
a bha aoibhneach an uair a fhuair e comas
coiseachd aon uair eile, agus rinn e air an taigh
cho luath is a bha ’na chasan.
An uair a chaidh e as an t-sealladh dhanns
Mairi Ruadh le toileachas agus chuir i a lamhan
mu amhaich an t-seann ghriasaiche.
“ A nis,” arsa ise, “ bha mi comasach air do
phaidheadh air son gach coibhneis a nochd thu
dhomh, oir tha tri cheud punnd oir agad a
bharrachd air na bha agad de mhaoin an uair
a thug thu mise an seo agus a thug thu biadh
is tearmann domh. Ach tha aon rud eile ann a
dh’iarras mi ort a dheanamh air mo shon. Is e
m&ireach la posaidh a’ phrionnsa, agus tha fios
agam gu bheil brogan ura agad ri thoirt chun a’
chaisteil. An leig thu dhomhsa dhol comhla
riut is giiilanaidh mi na brogan ? Oir tha mi
air a leithid a chluinntinn mu’n phrionnsa 6g
seo, agus mar sin bu chaomh learn sealladh
fhaighinn air, nan gabhadh e deanamh.”
‘ ‘ Tha e soirbh gu leor dhomhsa bhur leigeadh
comhla rium,” arsa an griasaiche, “ oir tha
cairdean agam am measg nan seirbhiseach, agus
ma tha iad cho gasda is a tha mise a’ cur air a
manaidh leigidh iad leibh boillsgeadh fhaicinn
de’n phrionnsa agus gach urra-mhor eile a bhios
comhla ris.”
Mar sin chaidh Mairi Ruadh suas chun a’
chaisteil comhla ris a’ ghriasaiche, agus an uair
a bha i fhein is an griasaiche ri sraidearachd an
cuirt a’ chaisteil am measg nan seirbhiseach
dhearc cuid de na h-uaislean oga oirre, agus
ghabh iad a leithid de uidh ’na boidhchead agus
nach biodh iad riaraichte le ni sam bith ach gun
toireadh iad i gu talla na cuirme far an robh
aoighean na bainnse uile air tional, agus dh’61
iad a deoch-slainte le gloine fhiona.
An uair a chaidh i a steach do’n t-seomar bha
gach neach os iosal a’ moladh a boidhchead ri a
chompanach, agus thuirt gach neach le sanais
beoil gum bu bhochd nach b’ise a bha gu bhith
’na Ban-righ os an cionn seach a’ chaile dhubh-
cheannach ghlas-neulach d’an d’rinn am pcrionn-
sa roghainn.
Bha monmhar a’ mholaidh air a thionndadh
gu monmhar an ionghnaidh an deidh is gu leir
an uair a bhlais i air a’ ghloine fhiona a dh’ord-
aich an Righ air a son, oir leum lasag bheag
theine a mach as a’ ghloine agus as an lasaig
thainig a mach da len chalman, fear air dhath
an oir is an t-aon eile de dhreach an airgid.
Theann iad ri itealaich a null is a nail air
feadh an t-seomair, agus bha gach neach a’
feuchainn ri an glacadh, ach am priobadh na
sula thuit beagan shileanan eorna a nuas as an
adhar air an iirlar direach aig casan a’ phrionnsa
Chaidh len an caiman airgid sios airs geith gu.
luath agus shluig e suas iad mun ruigeadh an
caiman oir orra.
“Nan robh cuimhne air a bhith agad gun do
ghlan mise a’ bhathach cha robh thu air na
sileanan sin ithe gun mo chuid an comaidh
dhiubh a thoirt dhomhsa,’’ arsa an caiman oir
is e a’ diirdail gu tamailteach.
Is gann a thainig na faclan as a bheul an uair
a thuit silean no dha eile.
Rinn an caiman airgid a’ cheart ni a rinn e
roimhe—shluig e suas iad gun chothrom a.
thoirt do a nhbaidh air a chuid fhein a thoirt a
comaidh.
" Nan robh cuimhne air a bhith agad air an
latha a thugh mi a’ bhathach cha robh thu air
an ithe gun mo chuid fhein diubh fhagail,’’ arsa
an calaman oir is e a’ durdail le tamailt na bu
mho na bha air roimhe.
Aon uair eile thuit beagan shileanan agus
aon uair eile shluig an caiman airgid iad gu
gionach.
An trobha so bha coltas caonaidh air a’ ghuth
aig a’ chalman oir.
“Nan robh cuimhne air a bhith agad air an
am a chreach mi nead na cathaige cha bhiodh
tu air sin ithe gun mo chuid a comaidh a thoirt
dhomhsa dheth. Chaill mi mo ludag air an
turus ud is tha i a dhith orm fhathast.”
“ Rinn, is tusa rinn sin,” ghlaodh mac an
Righ, agus a’ toirt daoi-leum as o’n t-suidheach-
an air' an robh e ’na shuidhe, chuir e a lamh mu
amhaich Mairi agus chomhdaich e a h-aodann
le pogan agus bha aoighean na bainnse ’nan
seasamh ag amharc air le ionghnadh, is duil aca
gu robh e air a dhol as a rian.
Ach cha robh iad fada de’n bheachd sin, oir
rug e air laimh air a’ mhaighdinn agus chuir e
a aghaidh air a’ chomhlan gu bathaiseach, agus
dh’innis e dhaibh an seanchas gu leir—gum bi
a bhean roimhe siud, gun do chuidich i e air
son teicheadh o’n fhamhair, agus gun do chuir
pog an t-seann mhiolchoin gach ni a bha ann gu
tur a mach as an inntinn aige. Agus an uair a
sguir e de bhruidhinn dh’aontaich iad uile gum
bi a bhean dhligheach. Ach air son a’ chuis a
dheanamh cinnteach agus a chum is gum biodh
sian sam bith eile a dh’fhaodadh am famhair a
bhith air a chur orra air a bhriseadh, chuir iad
fios air sagart is phos esan a ris iad is thug e
dhaibh a bheannachd, agus mar sin mu dheir-
eadh thall thainig crioch air an amhgharan agus
riamh an deidh sin bha an crannchur sitheil is
toilichte.
A' Chiioch
36