Skip to main content

‹‹‹ prev (442) Page 16Page 16

(444) next ››› Page 6Page 6

(443) Aireamh 2, Supplement - Gaidheal Og
AN CiATDHE AL OC
MIOSACHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
AN GEARRAN, 1953
Aireamh 2
Aaidheach<l a lubhir-Asdail
Le IAIN AN FHEILIDH
A AADAINN Latha na Bliadhna Uire thog
IVXCalum Dhomhnaill Oig a Sgarp na Hearadh,
•omhnall Fhionnlaigh Pheigi a Gearrloch,
Alasdair Choinnich a Turnaig, agus Iain an
Tieilidh a Poll-Iubh am monadh orra. Bha
Ben ’ ’ aig Alasdair Thurnaig, agus bha “ Mac ’ ’
g Domhnall Ghearrloch—da chu cho glic
igus a bha aig Fionn na Feinne.
Bha an latha tioram, grianach ; b’ann as an
iar-thuath a bha a’ ghaoth, ach cha robh an
aimsir idir fuar.
I Lean an ceathrar seo an t-allt a tha a’ tighinn
a mach as a’ Choire Dhonn, os cionn Thurnaig.
Js e seo an Co ire air an robh Bard Thurnaig a’
jseinn :
Hiirabh o, gun tog mi fonn ;
Is toigh learn fhin an Coire Bonn ;
Diridh mi mach ris a’ mhaoil;
Is fallain gaoth bho thaobh nam meall.
Tha an Coire da-rireadh donn, agus tha f>is-
■ gadlt maith ann. Thubhairt Calum Dhomhnaill
> Oig, agus e ’na sheasamh air a’ mhullach :
Theid mi an urras gu bheil an Coire seo miadh-
ail aig na caoraich ; tha fasgadh ann, agus am
fraoch 6g aca ri chnamh.”
Rainig iad Uamh Mhic Tile Riabhaich.
Chaidh Calum a steach innte. Bha i direach
mar a dh’fhag Bard Thurnaig bho chionn corr
agus leth-cheud bliadhna i, agus an uair a las
Calum teine innte thainig an ceo a mach troimh
/ na tuill am measg nan creag agus am measg an
‘ fhraoich os a cionn.
An deidh sin threoraich Alasdair Choinnich
iad gu Meall na Cloiche Corraiche. Bha an
latha gu h-alainn. Bu bhreagh an sealladh a
( bha aca ; Loch Mhic Tile Riabhaich fopa agus
If- am Fionn Loch na b’fhaide thall; an sneachd
| air na beanntan—beanntan Siorramachd Rois
f —agus iad ’nan seasamh shuas gu h-eireachdail,
j mar a chunnaic am Bard iad :
Chithinn Badhais Bheinn gu h-ard,
Is Beinn Ailiginn thall—
lad gu h-allt-choireach, meall-chorrach,
ceothar ;
} Far an cluinnte an damh ri biiraich
Fo dhluth-bhrat na h-oidhche
Toirt dubhlain do naimhdean tha an toir
air.
Bha biadh gica ri taobh na Cloiche Corraiche.
Bha acras orrasan fein, agus bha acras air na
coin. Rinn Calum an t-altachadh. Bhc
chionn corr agus deich bliadhna ar fhichead bha
an Calum seo agus an t-Iain seo le cheile air
monaidhean na Gaidhealtachd, eadar Earra-
ghaidheal agus Sgire Ghearrloch, eadar Lebdhas
agus na Hearadh. Aobhar buidheachais do
Dhia gu bheil iad fhathast ann.
San fheasgar rainig iad a rithist Inbhir-Iubh.
Bha Bean-uasal Inbhir-Iiibh, nighean Osgood
MhicCoinnich nach maireann, anns an lios,
agus bha Venus agus a’ ghealach air a cul. Tha
Bean-uasal Inbhir-Iiibh cho boidheach agus a
bha i riamh—cho boidheach agus a bha i an
uair a bha i ’na caileig, a’ siubhal monaidhean
Mhic Tile Riabhaich cbmhla ris an t-seann
Bhard :
Is maighdean uasal nam buadhan gradhach,
Le cridhe tlath is le h-aigne min ;
Mo bheannachd fhein anns an h-uile ceum
dhi
Gach ait an teid i air muir no tir.
(Bho t.d. 8)
robh sgleo na h-aoise is craiceann preasach,
agus, an uair a chitheadh daoine e, shianadh
iad iad fhein agus theannadh iad ri sanais ri
each a cheile is ag radh nach e a mhain gu robh
am bas ’na bheul ach gur fada an uine o bha e
marbh.
Agus ged dh’fheith e gu fada is gu foidhidinn-
each an dochas gun tigeadh an t-each sianta
air ais a ris, bha gach dochas a bha sin faoin,
agus b’fheudar da fuireaeft an Eirinn is, ged
bha truas mor aig muinntir na diithcha ris,
bha eagal orra roimhe aig a’ cheart am. Bhiodh
e a’ faicinn iomadh aisling mhuladach air Tir
aillidh nan Og, agus a’ smaoineachadh le cridh :•
trom air a mhnaoi uasail le fait 6r-bhuidhe a
dh’fhag e anns an diithaich sin, agus, ged bhiodh
i ag amharc air a shon gus an cailleadh i a
leirsinn, cha tilleadh esan gu la luain.
5