Skip to main content

‹‹‹ prev (399) Clar-Innsidh [Contents]Clar-Innsidh [Contents]

(401) next ››› Page 95Page 95

(400) Page 94 -
An Gaidhlig bhinn, mhilis labhair a Bhean
Uasal: ‘ ‘ Tha mi ’ga mheas ’na onair shonraichte
an carn-cuimhne seo fhoillseachadh—an carn-
cuimhne seo a chaidh a thogail a chum agus
gum bi cliii, bardachd, agus buadhan Bhaird
Thurnaig air an cumail air mhaireann.
“ Tha cuimhne agamsa air Bard Thurnaig
o an robh mi ’nam leanabh. Bha a’ chlann aige-
san agus mi fhein ’nar paisdean le cheile.
Dh’fhas sinn suas comhla ri cheile agus, buidh-
eachas do Dhia, tha cuid acasan fhathast ann,
agus tha an ceangal-cairdeis eadarainn cho
laidir agus a bha e riamh.
“ Mar sin, faodaidh sibh a thuigsinn nach ann
gun na deoir a bhith ’nam shiiilean a tha mi
a nis a’ foillseachadh a’ chuirn seo. Bitheadh
urram gu brath aig na Gaidheil do Bhard
Thurnaig ! ”
Bu bhreagh, mar an ceudna, na facail a
labhair Iain Og Mac Tile na Brataich, Ceann-
suidhe a’ Chomuinn Ghaidhealaich. An uair a
thug Iain Og iomradh air a’ Mharbhrann
bhoidheach, thiamhaidh a chuir Bard Thurnaig
ri cheile mar chuimhneachan air an Ollamh
Alasdair Mac Ghille-Mhicheil, cha robh, da-
rireadh, na deoir fada o ar suilibh :
“ Ceann na ceille, com na feile,
Aigne speiseil, cridh’ na h-uaisl’,
Gnuis na failte, beul a’ mhanrain,
Tuigse naduir thug dha buaidh ;
Inntinn stold’ bu mhilse gloir
A thuigeadh ceol’s a sheinneadh duan—
Is duilich mi ’ga chui an rann,
Is gun e ann a thoirt domh cluas.”
Agus bha na briathran aig Alasdair Urchard-
ainn, a Steornabhaigh, a cheart cho snasmhor
agus taghte. Rugadh Alasdaii Urchardainn,
agus fhuair e a arach, mar a fhuair Bard Thurn¬
aig, ri taobh Loch liibh. Mar sin, bha eolas
barraichte aig Alasdair aii a’ Bhard. Nach faic
sinn gu furasda an dithist ud, ’nan seasamh le
cheile, latha grianach ’s an t-samhradh, air
drochaid Pholl lubh—am Bard dreachmhor,
eireachdail, a bhathais ard agus a fheusag ghlas,
is da bhata aige (oir ’na aois bha e gu trie gu
maith bacach)—agus an gille bg, easgaidh, fait
dubh air, agus e lan gliocais agus tuigse, ag
eisdeachd gu geur ri comhairle chaoimh an
t-sean dume-uasail, laghaich, ghrinn.
An sin labhair Ruairidh Camshron, mac a’
Bhaird fhein, agus chan e a mhain gun do
labhair Ruairidh ruinn mu dheighinn a athar,
ach sheinn e dhuinn an Marbhrann seo a chuir
e fhein ri cheile :
CUMHA A’ BHAIRD
“ Dh’fhalbh e, dh’fhalbh e, ’s cha till e,
Dh’fhalbh e ’s cha till e gu brath ;
Ach togaidh sinne carn-cuimhne
Ghleidheas cuimhn’ air a’ Bhard.
N airde os cinn a’ chladaich,
Ri aghaidh na mara nach traigh ;
’S tha sinne toirt taing do gach neach
A chairich clach air a’ charn.
“ ’S iomadh uair choisich e seachad
An dearbh aite’m beil sinn an drasd ; J
’N Inbhir lubh nan coilltean boidheach j
Chaith e toiseach a lath’.
Agus’s beag a bha saoghal cur a chul air ]
’N uair chaidh e Thurnaig a thamh— j
’S e seinn a chuid bran’s na creagan,
’S iadsan a’ freagairt a dhan.
“ A nise ged bhios a’ mhuir-thraigh ann, !
Tillidh a rithist a’ mhuir-lan ;
A nise bho’n a dh’fhalbh bhuainn an
geamhradh,
Till’ oirnn an samhradh le bhlaths ;
Till’ oirnn a’ chuthag mu Bhealtainn,
’S tha ’n duilleach air calltainn a’ fas, j
Agus tillidh a’ bhlath gu gach fliir,
Ach cha till Bard Thurnaig gu brath.’'
Bha sinn uile gle dhuilich nach b’ urrainn do
Ebghan Mac-a-Phi a bhith cbmhla ruinn, ach
bha Eoghan an Canada aig an am. Chuir
Ebghan, gidheadh;am B.B.C., do ar n-ionnsaigh,
agus tha sinn gle fhada ’na chomain air son sin ;
gu dearbh, tha.
Bha an t-seirbhis gu leir an Gaidhlig. Bha an
t-Urramach Calum Mac Ghille Eathain a Conan
(Calum Dhbmhnaill Oig) ann, agus bha Ailean
Gunn, Eaglais Shaor Pholl lubh, ann, agus bu
bhreagh, durachdach, teas - chridheach na
h-urnuighean a chuir an dithist dhaoine-uasal
sin suas, ag iarraidh beannachd Dhe air a’
charn agus air a’ choimhearsnachd agus air
cairdean a’ Bhaird air fad.
Thog Coinneach Mac Coinnich, Poll lubh,
agus Niall Aonghais Ruairidh, Inbhir-Asdail,
na sailm, agus bu ghasd an dbigh air an do lean
an sluagh iad. Anns an t-samhehair a bha ann,
chan e a mhain gun do rainig an cebl naomh,
binn seo taobh thall an locha, ach—buidheachas
mbr do Ebghan agus do mhuinntir a’ Bh.B.C.,
—rainig e gach sgire agus gach cearn de’n
Ghaidhealtachd.
“ A’ chlach a dhiult na clachairean,
clach-chinn na h-oisinn i.”
CORRECTION
In the Obituaries in last Number, p. 88, the
name of Miss Campbell, of the West End Hotel,
Fort William, should have been given as Miss
Mary Campbell.
GLIOCAS NAN GAIDHEAL
Gach ni ’na thrath.
FIRINN AIR SON A’ MHIOS SEO
Rinn Dia gach ni maiseach 'na am fein.—
Ecles. iii. 11.
94