Skip to main content

‹‹‹ prev (290) Page 40Page 40

(292) next ››› Page 18Page 18

(291) Aireamh 5, Supplement - Gaidheal Og
Leabhar IV
Av \i o<;
MIOSACHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
AN CEITEIN, 1952 Aireamh 5
An !^ionnac*li
Le TORMOD DOMHNALLACH
f; eil creutair am measg bheathaichean
fiadhaich na frith a tha cho seolta ris an
jt-sionnach. B’e sin gu h-aon sgeulach, anns
l^ach linn, beachd bhrocairean agus dhaoine
fi bhiodh daonnan a’ falbh an aonaich, agus is
omadh sgeulachd annasach agus thaitneach
i bha aca mar dhearbhadh air a charan agus a
ghleusdachd. Chan e a mhain gu bheil an
S-ainmhidh seo a’ toirt barr air each ann an
itcriondachd, ach is ann a tha an seanfhacal a’
abhairt mar gun toireadh e a leoir eadhon
io’n duine as seolta a bhith cho seolta ris an
t-sionnach.
f Is anabarrach cho lionmhor is a dh’fhas na
ijtnadaidh ruadha bho chionn fichead bliadhna
air ais. Ri ar ceud chuimhne, is ann gle
ainneamh a bha iad, agus mar bu trice chan
;fhaicte ach corra fhear air feadh na Gaidheal-
itachd an taobh a staigh de dheich bliadhna.
An diugh, is ann a tha sionnaich cho pailt agus
I gum faicear iad, gu sonraichte an am a’ gheamh-
fraidh, a’ tighinn gu dana am fradharc nan
ftaighean comhnaidh.
Is ann am mios a’ Ghiblein a tha an al aca.
Anns an al cheudna bidh anns a’ choitcheannas
f ceithir no coig de chuileanan. Tha an cu a
I cheart cho gniomhach, dicheallaeh ris a’ ghalla
r air son Ion an alaich a chothachadh, gus an tig
| an t-am anns am bi iad comasach air an cuid
wfein a sholar.
L Tha a shaobhaidh am bitheantas ann am
" meadhon cixirn no sornach chlach, is chan ’eil
I e a’ deanamh saothair sam bith air leabaidh
• ullachadh ann, ach ag arach na feadhainn
■ bheaga air na leacan loma. Chan e gu bheil
j1 feum aig beag no mor aca air cus socaireachd
; anns an nead, cho fada is a. tha e domhain gu
leoir anns an talamh, far nach ruig uisge no
I gaoth orra. Tha da sheorsa calg air an t-sionnach
i; —calg min, blath, leth ris a’ chraiceann, agus
I gaoisid gharbh, ghiobach os cionn sin, air a
| leithid de dhoigh is nach cuir e umhail air
^ fuachd mor no gailleann. Ni e gu somalta cuach
i anns an t-sneachda is caidlidh e ann, ma tha
* dad de ghrein idir ris.
j Tha na cuileanan dubh ’gam breith agus a’
fuireach mar sin gus a bheil iad mu aois ochd
no naoi de sheachdainean, an uair a theannas-
iad air fas ruadh.
Bha neach ag innse dhuinn bho chionn
ghoirid gu robh feadhainn a’ lorg sionnaich
aig an robh saobhaidh a muigh air cul a’ bhaile
d’am buineadh e. Am feadh agus a bha iad a’
dluthachadh ris an toll, chunnacas am fear a
bha iad a’ sealg a’ nochdadh air faire is e a'
giulan rud-eigin ’na bheul. Loisg aon dhiubh
air le deagh chuimse agus thug e am madadh
ruadh gu lar. Air ball chaidh iad a null far an
robh a’ chairbh a dh’fhaicinn de bha aige agus
fhuair iad an sin pasg math feoir air a shuaineadh
cho cothrom, snasar is ged a b’e lamhan duine
a chuireadh ri cheile e. Dh’fhosgail iad am
pasgan agus ’na bhroinn bha ceithir pasganan
beag air an deanamh de fheur tioram. Am
broinn gach aoin dhiubh bha luch air son nan
cuileanan. Nach mor an tur a bha air a thais-
beanadh an siud ! Bha tuigse nadurra aig a’
bheathach nach robh e soirbh dha na ceithir
luchainn a ghiulan comhla thun na saobhaidh,
gun aon no dhh a chall air an t-slighe agus
ghabh e an doigh ealanta ud.
Ma tha sionnach ann am meadhon monaidh
a’ coinneachadh ri lorg coigrich, tillidh e anns
a’ bhad an taobh a thainig e, oir tha e a’ tuigsinn
gu bheil cunnart dluth. Ach mur a bheil e a’
faicinn ach lorg a’ bhuachaille no ciobair an
aite agus lorgan a chuid chon, cha chuir e suim
sam bith annta, a chionn e bhith eolach orra,
is cumaidh e roimhe gun fhiamh gun eagal.
Bha caraid ag innse dhuinn gum faca e
sionnach trath air madainn a’ fhgail a shaobh¬
aidh, a’ dol a shealg. Cha robh am madadh
ruadh ach air criomag ghoirid de’n astar a
chur as a dheidh an uair a sheas e. Sheall e gu
furachair air ais an rathad a bha an saobhaidh,
agus an sin thug e an aire do’n chuilean aige
’ga leantainn. Ach, ma thug, thill e air ais am
mionaid na h-uarach is an uair a rhinig e am
fear beag, ghabh e dha ’ga gharg smachdachadh,
is chuir e dhachaigh e. Cho luath is a fhuair
an seann fhear am fear 6g gu tearainte anns an
toll, thainig e a mach is chum e roimhe, ach
air eadar-dhealachadh slighe. Is math a bha
fios aige nach robh an t-am ann fathast air son
17