Skip to main content

‹‹‹ prev (287) Page 37Page 37

(289) next ››› Page 39Page 39

(288) Page 38 -
An Ard-Chomliairle
CHUMADH Coinneamh Ghaidhlig na h-Ard-
Chomhairle an Glaschu air Di-haoine, an
28mh la de’n Mhart, 1952, agus bha an Ceann-
suidhe. Mgr. Iain M. MacGhille-na-brataich,
anns a’ Chathair. Bha a dha ar fhichead de na
buill an lathair.
Aig toiseach na coinneimh sheas na buill re
dha mhionaid ann an umhlachd shamhaich
mar chuimhneachan air an Righ nach maireann,
a bha ’na chul-taiee do’n Chomunn.
An ainm Comhairle a’ Mhoid is a’ Chiuil,
mhinich am Fear-gairme, Mgr. Eoghann Mac
a’ Phi, gu soilleir na h-atharraichean a bhatar
a’ cliuthachadh a dheanamh air Clar-eagair a’
Mhbid, mar a dh’iarradh orra. Bha leth-bhreac
de’n Chlar-eagair ann an lamhan nam ball,
agus thug cuid de na bha an lathair am barail
seachad, agus dh’aontaicheadh ris a’ mhor-
chuid de na chliuthaich a’ Chomhairle, ach
theid beachdachadh air a’ chuspair seo aig
coinneamh araid de’n Ard-Chomhairle air an
18mh la de’n Ghiblean, 1952.
Am measg nithean eile an gearr-sheanchasan
Comhairle a’ Mhoid is a’ Chiuil bha seo : gun
deanar atharrachadh iomchuidh air Laoidh
na Rioghachd, agus gun deanar gach oidhirp
air ceol nan coisirean a bhith air a chlo-bhualadh
an deagh am.
Dh’innis Mgr. Coinneach MacDhomhnaill,
Fear-gairme Comhairle an lomnhais, gur e
£3,550 an t-suim a bha corr air Mod Dhun-
eideann, agus mhol e an oidhirp a rinneadh.
Shonraicheadh tiodhlac a thairgse do dha
Chleireach is lonmhasair a’ Mhoid an Dun-
eideann, air son an saothrach. Thugadh taing
do’n Mhnaoi-uasail Edgar, Ceann-suidhe Meur
a’ Chomuinn an Glaschu, air son an tiodhlaic
ghasda a thug am Meur do’n Chomunn.
Dh’ainmicheadh gu robh cead aig a’ Chomunn
airgead a thional aig a’ chluich air son Cupa na
Camanachd an Glaschu, agus gu robh seo an
earbsa ris a’ Mhnaoi-uasail Barron.
Thug gearr-sheanchas Comhairle an Fhogh-
luim aithisg air an Sgoil-Shamhraidh Ghaidhlig
a thatar ri cumail ann an Suardail, agus air
comhradh a chumadh ri Fear-stiuraidh an
Fhoghluim an Dun-eideann mu dheighinn
Gaidhlig a bhith air a teagasg an aon, no
barrachd, desgoilean a’ bhaile sin.
Dh’innis Fear-gairme Comhairle a’ Chlo-
bhualaidh gun d’fhuaradh cead bho mhic an
Ollaimh MacBhatair nach maireann ‘ ‘ Bdrdachd
Ghdidhlig ” agus' “ Rosg Gdidhlig” a chlo-
bhualadh as ur, agus gu robh an leabhar ur,
“ Bdird a’ Chomuinn”, ri bhith air a chlo-
bhualadh a dh’aithghearr.
Dh’aontaicheadh an t-Urr. Iain MacAoidh
a bhith ’na Fhear-gairme air Comhairle a’
Chraobh-sgaoilidh, air do Mhgr. Aonghas Mac-
lomhair an dreuchd sin a leigeil dheth is cus
eile aige ri' dheanamh. Thugadh aithisg air
modan duthchail agus air buidhnean ciuil.
Thug gearr-sheancRas Comhairle a’ Ghniomh-
achais is nan Ealdhain aithisg air co-fharpaisean
na h-ath-bhliadhna.
Thug gearr-sheanchas Comhairle Comunn
na h-Oigridh aithisg air campaichean na
bliadhna seo, a bhios air an cumail an Inbhir-
ailleart agus an Suardail. Mar bhuil air ardach-
adh phrisean air gach goireas, dh’aontaicheadh
cis-bhuird Campa Inbhir-ailleart a thogail bho
choig tasdain dheug gu punnd Sasannach.
Dh’aontaicheadh beachdachadh air an lom-
radh mu Mhaoin Comunn na h-Oigridh aig a’
Choinneamh araid air anl8mh de’n Ghiblean.
Shbnraicheadh gum biodh an ath-choinneamh
de’n Ard-Chomhairle—a’ Choinneamh Shon-
raichte—air a cumail an Glaschu air Di-haoine,
an 27mh la de’n Og-mhios aig se uairean.
Thugadh a’ Choinneamh gu crich le taing
chridheil a thoirt do Fhear-na-cathrach.
Naidlieaclid na h-Airde Tuatli
NORTHERN ORGANISER’S NOTES
31st March, 1952, marked the end of the
first Financial Year of the Committee for
Gaelic Informal Education, and the Organiser,
who is acting as Hon. Secretary and Treasurer
to this Committee, has been busy preparing the
Report and Financial Statement for the year.
The first Annual General Meeting is due to
take place at Glasgow on Friday, 2nd May.
On 4th April Mr. MacPhail was present at a
Ceilidh held under the auspices of the Balmacara
Branch of An Comunn Gaidhealach. The pro¬
gramme had been arranged by Mrs. Margaret
MacDonald, Hon. Secretary. The proceeds are
to be devoted to the South-West Ross Pro¬
vincial Mod Funds. Despite a very stormy and
wet night there was a satisfactory attendance.
Sincere thanks are due to Mrs. MacDonald for
her practical interest in all matters affecting
38