Skip to main content

‹‹‹ prev (282) AdvertisementAdvertisement

(284) next ››› Page 34Page 34

(283) Page 33 -
AN liAIIIHEIL
'THE GAEL
PUBLISHED MONTHLY
Editor
Rev. T. M. Murchison, M.A.
Advertising Manager
James Harrison Miller
111 correspondence should be addressed to the
ditor, except that concerning advertising, which
should be addressed to the Manager.
85 West Regent Street,
Glasgow, C.2.
Telephone: DOUglas 1433.
CMIfi-SWMIIHI
PRINCIPAL CONTENTS
GAIDHLIG
Coimision nan Croitearan .. .. .. 33
An Ard ChOmhairle .. .. . . . . 38
Duan Callainne .. .. .. .. 39
AN GAIDHEAL OG
An Sionnach .. .. .. .. 17
Fionn Mac Cumhaill .. . . .. 19
Do Uibhist .. .. .. .. 20
ENGLISH
Notes and Comments .. .. .. 34
Our Island .. .. .. .. .. 35
The Celtic Congress . . .. .. .. 36
Secretary’s Notes .. .. .. .. 37
Northern Organiser’s Notes .. .. 38
The Late Dr. W. M. Morison .. .. 39
The Late Mr. W. C. Mackenzie .. .. 40
Treasurer’s Notes 40
iteabhar XLVH
r
M 'HUAIR sinn cothrom o chionn ghoirid
ITiomradh a chraobh-sgaoileadh air obair a’
\ thoimision seo a tha an ceartuair a’ rannsachadh
. fach ni aig a bheil buntainneas ri cor nan
i ;roitearan Gaidhealach, agus dh’earalaich sinn
tir na croitearan na beachdan aca a chur air
beulaibh a’ Choimision.
t [i Tha e iomchuidh gun cuireamaid sios an seo
pairt de na chraobh-sgaoil sinn mu’n chuspair
Chudthromach seo, oir is e da-riribh cuspair
i cudthromach a tha ann.
t Bu bhuannachdail an obair a rinn an
Loimision mor eile, fo sheoladh a’ Mhorair
'<Kapier, o chionn suas ri tri fichead bliadhna is a
deich. A earailean na buidhne ud thainig Achd
jnan Croitearan, 1886, a thug ceartas is coirich-
jean do na croitearan Gaidhealach mar nach
Irobh aca riamh roimhe.
L Ach is mor an t-atharrachadh a thainig
boirnn, mar dhuthaich agus mar shluagh, bho’n
pinn ud, agus o chionn iomadh bliadhna bha,
i agus tha, cor na Gaidhealtachd ag aobhrachadh
iomagain—an sluagh air sioladh as gu h-uamhas-
fach am moran aitean, bailtean a’ dol fas,
l croitean a’ dol a dholaidh, taighean-cbmhnaidh
? falamh glaiste, is na caoraich a’ criomadh nam
bileagan feoir an garraidhean thaighean-sgoile
■ far am bu shunndach an oigridh ri an cuid
• chleasachd.
Agus aig a’ cheart am anns a bheil uiread
AN CEITEIN, 1952
Aireamh 5
de’n fhearann gun fheum, tha an rloghachd
againn ’na h-eiginn a’ sireadh na dh’fhoghnas
de bhiadh air son an leth-cheud muillean
sluaigh a tha a chomhnaidh innte.
Tha moran chroitean nach ’eil idir air an
oibreachadh, agus chan ’eil moran eile ach air
an leth-oibreachadh, agus sin a chionn is gu
bheil cus de na croitean ro-bheag gus beoshlaint
a chumail ri teaghlach.
Sin an suidheachadh a tha fo aire a’
Choimision, agus tha iomadh seorsa ceist aca
ri thogail agus ri fhuasgladh, ma ghabhas sin
deanamh. Faodaidh moran againn cuideachadh
leotha le bhith a’ mineachadh dhaibh ciamar a
tha ciusean agus le bhith a’ toirt dhaibh ar
beachdan air doighean leasachaidh.
Ma tha cus de na croitean ro-bheag, gu de
cho mor is a dh’fheumas croit a bhith gus lan-
bheoshlaint a thoirt do theaghlach ? Far nach
gabh croitean beaga a mheudachadh feumaidh
cosnadh eile a bhith an tairgse a’ chroiteir—
obair-choille, iasgach, obair a’ chlo, agus a
leithid sin. Ciod a ghabhas deanamh air a’
cheann sin ?
A bheil riaghailtean an Urrais Naiseanta
{National Insurance), le bhith tighinn na’s
cruaidhe air croitearan na air seorsa sam bith
eile de’n t-sluagh, a’ toirt air daoine a bhith
a’ treigsinn an fhearainn ?
Ciod as coir a dheanamh mu’n mhuinntir aig
33