Skip to main content

‹‹‹ prev (274) Page 32Page 32

(276) next ››› Page 14Page 14

(275) Aireamh 4, Supplement - Gaidheal Og
A\ GAIDHEAL OG
MIOSACHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
| Leabhar IV
AN GIBLEAN, 1952
Aireamh 4
La anus a’ Chladach-FIioaniann
Le IAIN DUBH
BHA uair ann, agus neo-ar-thaing mur an
robh daoine trang anns a’ bhaile bheag anns
fan d’araicheadh mise. Thoir sgriob do’n aite an
■high agus seall mun cuairt, agus is gann gum
: faic thu creutair a’ gluasad, aon chuid duine
I no ainmhidh. Tha corr is dara leth nan taighean
i liduinte ; na croitean uile, a mach bho a dha no
tbi dhiubh, a’ dol fas, gun spaid no gr&pa no
: Icas-chrom no crann-treabhaidh no speal a’ dol
' rnan coir eadar da cheann na bliadhna.
1 Cha b’fhada a bha an sgoil air a dimadh air
Ison saor-laithean an t-samhraidh an uair a
ilbhatar a’ teannadh ri buain an fheoir. Bha sinn
I a- toiseachadh leis a’ chledbhair, agus a’ fagail
Ian fhedir nadurra gus nas fhaide air aghaidh’s
: t-fhoghar.
| Agus am buain na mona! B’e sin an t-am,
/ da-riribh I Obair sgitheil ach obair anns
Ian robh toileachas. Bha sin aig toiseach an
1 t-samhraidh, direach an deidh dhuinn ar n-anail
a leigeil as deidh saothair an Earraich.
[ Ach, ’nam bheachd-sa co-dhiubh, b’e obair
' an earraich an obair a bu chruaidhe a bha a’
* tighinn oirnn. Aims a’' bhaile againne bha na
I- croitean cho beag is nach gleidheadh gin dhiubh
| each. Mar sin, bha aig na daoine—fir agus
I mnathan agus clann—ri obair nan each a
j E dheanamh. An inneir a chur air an talamh, ’ga
|! giulan ann an cteibh air ar muin no a’ falbh leatha
f ann am bara-roth. An talamh a thionndadh
? leis a’ chois-chruim no le spaid no grapa. Abair
i saothair I Is e talamh clachach a bha againn,
1 agus, trom ’s gu robh i, is i a’ chas-chrom a
1 b’fhedrr air oibreachadh an fhuinn sin na spaid
| no grapa.
Am measg gach seorsa oibre a bha ri
| dheanamh an am an earraich cha robh obair
: ann a bu truime ort na la anns a’ chladach-
| fheamann.
Bha muinntir a’ bhaile againne a’ deanamh
11 moran feuma de’n fheamainn mar mhathachadh
air an talamh. Am measg nan coirichean a bha
air an gabhail a staigh ann an coirichean na
; croite bha c6ir air bac mona a muigh anns a’
i mhonadh agus c6ir ay- cearn anns a’ chladach
‘ air son feamann a bhuain an sin ’s t-earrach.
| Mar sin, a’ cheud tr&igh mhor a thigeadh am
fior-thoiseach an earraich, a mach a bha gach
croitear, agus air falbh iad le’n cuid bhataichean
d’an cehrn fein de’n chladach.
Cho luath is a thraghadh an fheamainn bha
an obair a’ tdiseachadh. Fir is mnathan trang
leis na corrain, a’ gearradh na feamnach agus
’ga fhgail ’na torran. An uair a bha na dheanadh
luchd no Ihn bcita gearrte, thoisicheamaid an
uair sin air an fheamainn a thogail an cleibh
agus a chur do’n bh&ta, no luchd (no “ raft ”)
a dheanamh dhith. Dh’fheumte a bhith gu
maith sgiobalta ris an obair, air eagal is gun
6ireadh an lan mum faigheamaid gach t6rr a
ghearr sinn a sgioblachadh leinn.
Mu dheireadh, bha am bata cho l&n ’s a
ghabhadh i—brig mhor throm innte, air chor
is, an uair a ruigeadh a’ mhuir i agus a rachadh
i air bhog, nach biodh ach ’s docha ceithir no
sia dirlich eadar a beul agus an s&ile. Cha
b’fhuilear dhuit Ih ciuin air son na h-oibre.
Nan tigeadh oiteag fhein, bu chunnartach
bata luchdaichte le feamainn a thoirt a nuas
troimh an chaol agus an sruth daonnan cho
bras aig am nan reabhairtean.
Air a’ mhor-lan anns an fheasgar rachadh am
bata no an “ raft ” a tharraing a staigh, agus an
uair a thraghadh i, thoisicheamaid air an
fheamainn a chur ann an cleibh gu braigh a’
chladaich. Agus, aig a’ cheud chothrom as
deidh sin, bha sinn ’ga togail as a sin ann an
cl6ibh no am bara, agus ’ga fagail ’na torran
air an talamh, agus an sin ’ga sgaoileadh mar
mhathachadh do’n fheur no ’ga cur gu feum
ann an cur a’ bhuntata, rod shuil agus r6d
feamnach mu seach.
Bha an cladach-feamann trom air an druim,
is tu crom fad na h-uine. Bha e goirt air na
lamhan, is tu ag obair ann an uisge agus a’
laimhseachadh feamann bhuig, agus gle thric
bheireadh fuachd an la earraich cha mhor an
cridhe asad. Ach cha robh moran uine agad
gus smaoineachadh air na nithean sin. Cha
robh agad ach beagan uine mus eireadhanlan
a rithist, agus bha bcita agad ri lionadh, agus
mar sin chum thu ort. An uair a bha thu
ullamh de ghearradh na feamnach, agus mus
13