Skip to main content

‹‹‹ prev (258) Page 24Page 24

(260) next ››› Page 10Page 10

(259) Aireamh 3, Supplement - Gaidheal Og
\\ GAVDHEAL 0«
MIOSACHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar IV AM MART, 1952 Aireamh 3
Domlinall lleas*
RUGADH Domhnall Beag an cearnaidh
de’n Ghaidhealtachd nach ainmich mi,
ijigus bha a mhathair ’na bantraich, is gun de
faeaghlach aice ach e fhein.
' |l An uair a bha Domhnall 6g cha robh sgoilean
fcho lionmhor is a tha iad an diugh, agus cha
arobh e mar fhiachaibh air gillean is nigheanan
^lol do’n sgoil mur an toilicheadh iad fhein.
3 T Chaidh Domhnall do’n sgoil an uair a bha e
-i jna chnapach gille. Chord a’ chuis ris a’ cheud
la—co-dhiubh, toiseach an la—gu fior-mhaith.
i Ach, air tighinn do’n fheasgar, bha mo laochan
■■'i t’ gabhail fadachd, agus mu dheireadh dh’eubh
si b a mach aird a chlaiginn, “ Nach ’eil sinn a’
a dol a dh’fhaotainn a mach a seo an diugh idir ?”
t i I Bha an seorsa seo de dhol-a-mach an aghaidh
rriaghailtean na sgoile. Cha chualas riamh a
t leithid !
^ I { “ Co am beadagan a thuirt siod ? ” dh’fheor-
J aich am maighistir-sgoile.
:.a i Bha e furasda gu leoir fhaicinn co a thubhairt
na briathran, oir dh’fhas aodann Dhomhnaill
bho dearg ri slige giomaich bhruith.
r “A bhrbinein bhochd,” arsa am maighistir-
i sgoile, “ chan ’eil moran ceille agad fhathast,
| |agus feumar mar sin beagan de do lethsgeul a
j ighabhail; ach feuch nach dean thu a leithid a
id rithist ! ”, agus e a’ toirt tarraing air te de
1;: chluasan Dhomhnaill.
si Chuir e mor-iongantas air Domhnall bochd
ii mach robh poit no inneal cocaireachd sam bith
a feile ri fhaicinn anns an taigh-sgoile, agus nach
i irobh doigh mar sin air biadh a dheasachadh !
(Nan robh Domhnall anns an sgoil an diugh,
neo-ar-thaing mur faiceadhse innealan cocair¬
eachd, agus biadh ’ga chur an tairgse na cloinne
cha mhor anns a h-uile sgoil.—F.D.)
Thoisich Domhnall, mar a thoisicheas gach
; balachan agus caileag eile, air ionpsachadh na
' h-aibideil, no na litrichean, anns a’ cheud
' dol-a-mach. Fhuair e air adhart meadhonach
; maith gus an d’rainig e an litir ris an abair sinn
■ ” W ” anns a’ Bheurla. Stad e aice sin.
| “ Cha dean mi stem dhith ! ” thubhairt e.
“ Hist, a laochain ! ” arsa am maighistir-
[ sgoile, “ thoir ionnsaigh oirre.”
1 “ Ma’s e sibh fhein sgoilear as fhearr na mise,”
fhreagair Domhnall, ‘ ‘ chan’ eil fhios agam nach
toir i sin gu leoir dhuibh ri dheanamh ! ”
Is e leth sheann-duine a bha anns a’
mhaighistir-sgoile—duineachan siobhalta ciiiin
gu bitheanta, ach coir uair bhuaileadh sradag
air, an uair a rachadh an sgoil gu mi-riaghailt,
mar a rinn i la sonraichte a bha sin, agus
dh’fhalbh e a mach agus thug e a staigh slat
mhor de sheileach Frangach, agus thug e an
cuibhleadh ud air na baobhan a bha ri aimlisg.
“ A chlanna an uilc,” thubhairt e, “ mur
gabh sibh teagasg, gabhaidh sibh seo ! ”
Mar a tha an sean-fhacal ag radh, “ Eiridh
tonn mor air uisge balbh.”
Bhiodh am maighistir-sgoile ’na shuidhe ann
an seorsa de chubaid, agus, ma bha ceist agaibh
nach b’urrainn duibh fhuasgladh, rachadh sibh
suas leatha far an robh e. Cha bhiodh esan fada
a’ dol troimhpe.
Bhiodh feadhainn de na sgoilearan a b’fhearr
anns an sgoil a’ cuideachadh a’ mhaighistir-
sgoile ann an teagasg na cloinne, agus mar
dhuais air son an saothrach bheireadh esan
dhaibh Laideann no Greugais no ard-sgoilear-
achd eile, nam biodh sin a dhith orra.
Chluinneadh tu fear tha 11 is fear a bhos ag
eigheach a mach cho trang is a b’urrainn da
facail mhora nach robh e a’ tuigsinn as an
“Spelling-Book mhor.” Agus bhiodh fear eile
’gur bodhradh a’ deanamh ablachas leughaidh
as an leabhar ris an abradh iad, " Reading Made
Easy ” (“ Leughadh Furasda,” an dubhairt
mi?). Bhiodh Domhnall Beag fhein thall ann
an cuil agus smiiid aige air seorsa de chunntas
ris an abradh e fhein, “From, Take,’’ no Sub¬
traction (mar a theirear ris anns a’ Bheurla).
“ Gu de,” theireadh am maighistir, “ am feum
a tha aig a’ ghille mhaol aig Donnchadh air
Laideann is Greugais ionnsachadh ? Nach toir
e a staigh tarraing no iochdar an lin sgadain a
cheart cho maith is ged nach biodh canain air
an t-saoghal ach Gaidhlig ? No an sliomair
gille ud aig Calum ! Nach oibrich e le spaid is
le piocaid, agus nach treabh e a cheart cho
direach is cho cunbhallach is ged nach biodh
leabhar cunntais no slat-thomhais air uachdar
an t-saoghail ? ”
Tha riaghailtean lira ann an sgoilean ar
9