Skip to main content

‹‹‹ prev (250) AdvertisementAdvertisement

(252) next ››› Page 18Page 18

(251) Clar-Innsidh [Contents] -
PUBLISHED MONTHLY
Editor
Rev. T. M. Murchison, M.A.
Advertising Manager
James Harrison Miller
All correspondence should be addressed to the
Editor, except that concerning advertising, which
should be addressed to the Manager.

65 West Regent Street,
Glasgow, C.2.
Telephone: DOUglas 1433.
CLAR-INNSIDH
PRINCIPAL CONTENTS
GAIDHLIG
Marbhrann do Righ Deorsa YT 17
An Rlgh Nach Maireann 18
ENGLISH
King George VI 18
Our Island 19
Secretary’s Notes 20
Gaelic and the Schools 21
Northern Organiser’s Notes 22
Book Reviews 23
Letters to the Editor 24
AN GAIDHEAL OG
Domhnall Beag 9
Domhnall Gorm 10
Tigh-Eiridinn nan Giomach 11
MacN^ill an Sealtainn 12
Leabhar XLVII AM MART, 1952
Aireamh 3
JHarRihrann do Rigrh Deorsa VI
Le DOMHNALL MAC-AN-T-SAOIR
Aon de Bhaird a’ Chomuinn Ghaidhealaich
{Bha am marbhrann seo air a chraobh-sgaoilead
Ciamar dh’fhaodas sinn labhradh—
’S bodhar balbhanach mall-cheumach sinn,
’S cha toir Earrach no Samhradh
Cis a’ Ghearrain’s a’ Gheamhraidh seo dhinn ;
Nuair a shaoil sinn le abhachd
Gun d’fhuair thu leasachadh slainte car tim,
’S ann a bhuannaich am bas ort
Air do chluasaig troimh shamhchair na h-o idhch’.
air an naoidheamh Id deug de’n Ghearran, 1952)
Mhuch oirnn lampa na teomachd,
Carraig shamhla gach teaghlaich’s an tir,
Sgathan maiseach na h-uaisle
Riaghladh taighe gun tuasaid gun stri;
Grainne mullaich cho buadhach
’S a chunnaic mise no chuala no chi,
Tighinn bho fhreumhaig na h-Alba.
Mar charraig dhion is mar cheannbhi’s mar Rlgh.
Choinnich namhaid an t-sluaigh thu,
Fear nach faodar tighinn buadhmhor bho lann ;
Cha dean tathachd na cruadal
Aon a shabhaladh bhuaithe is e ann ;
Binn air Eubha’s air Adhamh,
Air an sliochd’s air an alach gach am,
Gus cur crich air an laithean
Nuair a ruigeas an aireamh an ceann.
Moch’s a’ mhadainn Di-ciadaoin
Thainig naidheachd a’ chianalais oirnn,
Buille mhuineil a chiurr sinn
’S a dh’fhag silteach bho’r suilean na d&oir ;
’S beag an t-ionghnadh an duthaich
A bhith gu tuirneanach tiirsach ri bron—
Chaill sinn caraid ar daoine
Tha ’n diugh gu craiteach a’ caoineadh Righ
Deors’.
Dh’fhalbh an Criosdaidh mor speiseil
A dh’ordaich Dia dhuinn e dh’eirigh 'nar ceann,
Beul a dheanamh na reite
A chumadh ciall agus reusan air bonn,
’S gus cur slos air an eucoir
A dh’fhuilingeadh dlorrasach reubadh nan lann,
Bidh a dhuais ann am P&rras,
Ged is cruaidh leinn cho trath e dhol ann.
Bho’n a dh’inntrig air tus oirnn
Gu robh riaghladh air duthaich nam beann ;
’S lionmhor larla agus Prionnsa
Thug a fhreumhag a dh’ionnsaigh ar n-am,
Nuair theid a sloinneadh gun dearmad
Troimh gach linn agus aimsir a bh’ann,
Chan ’eil aitean’s an Eorpa
Tha cho aosda ri Deorsa’s ri dhream.