Skip to main content

‹‹‹ prev (109) Page 19Page 19

(111) next ››› AdvertisementAdvertisement

(110) Page 20 -
An Gaidheal Og
eagal domh ! Chugad mi, ’s chan eagal
domh ! ’ ’
Agus chaidh an tarbh dubh timcheall ceann
shuas Loch Laomainn, aguis choinni^ch an
dk tharbh a ch&le air guala shuas Beinn Mhur-
laig agus chuir iad an cinn ri ch&le agus
ghleac iad.
Chuir an tarbh dubh an tanbh dearg air
ais an coinneamh a chiiil gu ruig clach mh6r
a bha an sin, agus chuir iad car de’n chloich,
agus roil a’ chlach sios gu cdmhnard a tha
aig taobh an rathaid mhdir, tuaiream air cdig
mile an taobh shuas an Tairbeart Laomainn-
each agus tri mile an taobh shlos de cheann
shuas Loch Laomainn.
Chuir an tarbh dubh an adharc chrom aige
am beul a’ chleibh aig an tarbh dhearg, agus
mharbh e e.
Agus is e “ Clach nan Tarbh ’ an t-ainm a
tha air a’ chloich sin gus an Ik an diugh, agus
is i a’ chlach as motha a tha anns na trl
rioghachdan.
LATHA ALLT AN TORCAIN
N AS doimhne na an ciuin roimh an stoirm
tha an ciuin ’na dheidh. Chan ’eil fuaim ri
chluinntinn ach fead na gaoithe a’ seideadh
thairis air blar gruamach Allt an Torcain, a bha,
bho chionn uair a thide no dha, lan de dhaoine
a’ reubadh agus a’ stialladh a cheile le lasraich-
ean teinnteach is toitean marbhtach. Chan ’eil
sgeul air duine beo ach air kireamh bholreannach
a thkinig a dheanamh faire air na cuirp gheala
a tha le an aodannan buidhe air an tionndadh
ris na sgbthan gruamach.
Cha chluinnear facal broin no comhfhurtachd
bho’n chuideachd a tha deanamh faire. Tha iad
balbh, bodhar, is chan fhairich iad fuachd na
gaoithe greanntail earraich a tha a’ placail am
peallanan bochda aodaich, oir is motha am
fuachd a tha ’nan cridheachan. An drasda is a
rithist cluinnear eigh a’ ghuilbnich ann an comh-
sheirm ri gaoir na gaoithe a’ deanamh cumha os
cionn nam marbh.
Tha coltas caochladh aimsire air a h-uile ni.
Tha solus na greine a’ fks fann anns an aird an
iar. Tha na teinntean a’ bksachadh ; an siud
is an seo tha smuid ceothach ag eirigh bho ’n
fhraoch bhadanach ghorm-dhearg. Fo ghathan
fann na greine chithear an sgrios a chaidh a
dheanamh air blkth nan eilean.
Bho chionn iomadh bhliadhna dh’innis Coin-
neach Odhar gun rachadh a’ chath mu dheireadh
anns an Eilean a chur aig Allt an Torcain.
Ach cha tainig an latha seo fathast. Chan ’eil
iomradh air ach mar aisling cadail, agus tha
an saoghal caochlaideach seo agus gleadhraich
gach am ag cur an t-seann fhaidheadaireachM
seo air dhl-chuimhne. Am fiach i cuimhne I
chumail oirre ? Nach fhearr an smuain gul §1
deach na seann nithean seachad—nach tig a!,
latha a nis a chithear sealladh cho deistinneaci
air mointeach bhoidheach Leddhais.
[Bho “ Leabhar Bliadhnail Ard-Sgoil 1
MhicNeacail an Steornabhagh, 1950 ”)
]\ a Baird Ghaldliealael
A B'Aitline Bliomli
Le IAIN N. MAC LEOI □
21. Catriona F. Urchadan
TS e ban-Ghaidheal shonraichte air iomadl
■*"d6igh a bha am Bean Dhaibhidh Urchadair
nach maireann, agus bha grasan iongantacl
air am buileachadh oirre ’na latha fhein.
Bha i a mhuinntir Liuirboist, an sgire nar
Loch an Leodhas, agus bha i ’na ban-sgoileai j.
an Sgoil Cladach Circebost, an Uibhist a’ Chinr
a Tuath, mun do phos i Daibhidh Urchadai
anns a’ bhliadhna 1910, an uair a bha esan
mhaighstir-sgoile an Caol Loch-Aillse.
Bha nkdur na bardachd innte riamh, agu*
bha tlachd speiseil aice do eachdraidh agi
litreachas nan Gaidheal. Rinn i meorachadhf
farsaing air Grabhaladh Ceilteach (Celtic Art),
agus a chionn gu robh i ro shnasail air a lamhanj
is iomadh ball de obair-ghreis chuimir le Grabhal¬
adh Ceilteach a chuir i air lorn ’na latha.
x\n uair a bha a companach ’na mhaighstir-
sgoile an Druim-smiotail, faisg air Port Cheasaig,
chruinnich i dealbhan nan Grabhalan Ceilteachl
a tha air seann leacan-lighe an cladhan an Eilein
Duibh, agus tha an oidhirp mhor sin a rinn
air sgiala fhathast mar sheula air a dealas annsl
a’ chuis sin.
A bharrachd air a bhith deanamh bardachd
fhein, bha i an comhnaidh dicheallach ann a|
bhith cruinneachadh seann fhuinn Gaidhlig
bha air an seinn anns an t-seann doigh, agus a
chionn gu robh eolas maith aice air ceol bha
comasach air na h-6rain sin a chur air mhair-
eann direach mar a bha na seann daoine ’gam
seinn.
Bha dith slainte oirre iomadh bliadhna achl
bha a h-inntinn agus a lamhan an comhnaidh j
gniomhach agus, ged a bha a corp gu tricj
breoite, tinn, bha a spiorad moralach ag cnuas- j
achadh air na nithean neo-fhaicsinneach sin a.
thug sealladh dhi air an rioghachd neo-thruaill-|
idh air an robh a suil gach la.
Is i an aon bhoireannach a choisinn Crim a’j
Bhaird aig Mod, agus gu cinnteach bu cheart an:
air idh i air an onair sin.
20