Skip to main content

‹‹‹ prev (98) Page 56Page 56

(100) next ››› Page 58Page 58

(99) Page 57 -
Jtlluth seo eadar dhaoine, a bha cho dealaichte
'-pmn an inbhe, am beairteas, agus am foghlum,
Ik thug gluasad cho cuirteil agus cainr.t cho
:u.j ipnodhail agus cho blasda do’n Ghaidheal a
j b’isle staid. Bu shochair mhor do’n t-sluagh a
bhith cho trie ann an cuideachd ran uaislean ;
agus cha bu mheasaide idir r.a h-uaislean a
^ bhith trie an cuideachd an t-sluaigh. Thainig
J pharrachadh a nis agus, anns a’ chiiis seo
’ . 30-dhiubh, a chum na cuid as miosa. Chan ’eil
j moran comuinn eadar am bochd agus am
; j aeairteach an diugh ; agus creididh mi nach
■! feairrde am bochd no am beairteach sin.
11 Bha mar seo cothrom no dha aig na seann
.idaoine air a bhith na b’fhoghluimte, a reir
; tomhais an latha fein, na tha againne. Cha
jifobh an cor air iomadh doigh ach truagh ann
^ an coimeas ri ar cor-ne ; ach bha cleachdainn
;no dha ’ram measg air am bu choir dhuinne
l] jreim a ghleidheadh gus an cuireamaid na
j’fhearr ’nan aite.
T) HA na cothroman a dh’ainmieh mi aig ar
pJ n-athraichean iomadh bliadhna mu’n do
fflljfcgadh Mac Mhaighstir Alasdair, agus is gann a
;1 ihaidh iad gu leir a dhith an uair a chaochail
in )onnchadh Ban Mac-an-t-saoir; ach bha
t aon ni gu sonraichte ann an staid na Ghaidheal-
d tachd ri linn nan daoine seo a b’aobhar, ann an
J tomhas mor, a reir mo bheachd-sa, do’n dusgadh
;i chaithreamach a rinn a’ cheolraidh Ghaidhealach
n anns a’ cheathrar bhard a dh’ainmich mi.
i B’e sin an nl ris an abair sinn Aobhar nan
Stiubhartach. Bha baigh aig na Gaidheil do
i na Stiubhartaich mar am fuil fein. An uair a
a fhuair an siathamh Seumas seilbh air crun
» Shasainn, rinn Alba gu leir gairdeachas. Ach
i an uair a thoisich aimhreit eadar a’ cheud
Tearlach agus a iochdarain, bha na Gaidheil
i gu sonraichte air taobh an righ. Is ann le an
n jcuid arm, ged bu mhaith leinn a dhi-chuimhn-
.;i)l eachadh, a sharaich an dara Tearlach Eaglais
a la h-Alba. An uair a theich an seachdamh
ial seumas a Sasann, is ann an Eirinn agus an
ora 5-aidhealtachd na h-Alba a fhuair e cairdean.
Chaidh a chairdean agus a aobhar an lughad
pgus an laigead. Bha cuid de na cinn-chinnidh
ija bu chumhachdaiche anns an tir ’na aghaidh ;
jach bha sluagh na Gaidhealtach thar cheann
-air a thaobh. An deidh a bhais thug iad umh-
aachd d’a mhac, ged bha e ’na fhogarrach ann
ran tir chein ; agus an uair a thainig Tearlach
6g do’n rioghachd ann an 1745 a thoirt a mach
Crun a shinnsireachd, dh’eirich a’ mhor-chuid
dhiubh leis. A reir coltais bha an sluagh gu
jleir deas gu eirigh leis, nan eireadh na cinn-
phinnidh. Mar bha cixisean, lean moran e gun
57
chead an cinn-chinnidh a ghabhail; agus, an
uair a bha e ’na fhogarrach ’nam measg, le
airgead-cinn from air, cha do bhrath caraid
noramhaide.
O’n a thoisich aimhreit eadar a’ cheud
Tearlach agus a’ Pharlamaid gu deidh blar
Chuil-fhodair—os cionn ceud bliadhna de thim
—bha cumhachd agus aite aig a’ Ghaidhealtachd
ann an riaghladh na rioghachd nach robh aice
Ta dheidh sin ro, ma dh’fhaodte, ceud bliadhna
roimhe sir. Tha e air aideachadh ’nar measg-ne
nach ’eil ri cho freagarrach air son tuigse agus
cliii an t-sluaigh ardachadh ri guth a thoirt
dhaibh ann an riaghladh r.a rioghachd. An
uair a tha an sluagh a’ taghadh gu tuigseach
ard-chomhairlichean na rioghachd, tha iad
nas measaile .’nan sixilean fein agus an suilean
dhaoire eile. Ach re nan ceud bliadhna a dh’
ainmich mi bha na Gaidheil a’ gabhail os laimh
chan e a bhith taghadh chomhairlichean ach
a’ taghadh rlghrean. Bha an Ceann-cinnidh a’
creidsinn gu robh e ann an tomhas mor ’na
chomas-san na Stiubhartaich a ghleidheadh
air righ-chathair Bhreatainn. A thuilleadh air
seo, bha moran de uaislean na Gaidhealtachd a’
gleidheadh suas aig an am seo comunn ri an
cairdean an Sasann agus anns an Fhraing.
Bha mar seo an solus a thoisich air soillseachadh
ann an taobh-an-iar na h-E6rpa da cheud
bliadhna roimhe seo a’ faighinn do’n Ghaidheal¬
tachd anns an am seo air dha no tri de bhealaich.
Agus ma ghleidheas sinn air chuimhne an cear gal
dluth a bha eadar na h-uaislean agus an sluagh,
tuigidh sinn an t-ardachadh-inntinn agus am
fior eolas a bha aig a’ Ghaidheal a b’isle staid
anns an am ud mu riaghladh na rioghachd. Is
ann an uair a bha na Gaidheil a’ faotainn an
ionnsachaidh seo re dha ghinealach a dh’eirich
na baird a dh’ainmich mi, agus gheibh sinn
dearbhadh an ionnsachaidh ’nan saothair.
Bha a dha dhiubh ’nan daoine foghluimte—
Mac Mhaighstir Alasdair agus Dughall Bochanan
Ach bha a dha eile dhiubh—Donnchadh Ban
Mac-an-t-saoir agus Rob Bonn — nach leughadh
facal de chanain sam bith. Cha dearbh an saoth¬
air gu robh an dithis seo an tuigse, an eolas,
agus ann am flor ionnsachadh a bheag air
deireadh air an dithis eile. Chan ’eil mi a’ meas,
mur faighteadh anns a’ Ghreig o shean iad,
gum faighteadh ann an tir eile sealgair agus
buachaille, gun sgoil, cho fiosrach agus cho
ionnsaichte ri Donnchadh Ban agus ri Rob
Bonn. Agus chan ’eil mi a’ smuaineachadh
gum biodh e comasach gum faighteadh ann an
Gaidhealtachd na h-Alba iad ach mu’n am anns
an do shaothraich iad.
(Bho “An Gaidheal ”, 1876)