Skip to main content

‹‹‹ prev (57) Page 31Page 31

(59) next ››› Page 33Page 33

(58) Page 32 -
Gaidheal.” B’ann os cionn a’
pheann-ainm “ MacTalla ” a bu
trice e a’ sgriobhadh; ach
gheibhear cuid d’a obair os cionn
an ainme “ Eoghan Og,” “ An
Gaidheal anns a’ Bhaile,” agus
“ Am Buirdeasach Ban.”
Sgriobh e air moran chuspair-
ean, agus gle bhitheanta thairn-
geadh e a staigh e fhein mar
dhuine eile gu sgleo a chur air
a chuid leughadairean a chum
’s nach tuigeadh iad co a b’e
a bha a’ sgriobhadh. Seo agaibh
mar a thug e a steach e fein
ann an iomradh a thug e air
dinneir mhoir air an deach luim
a ohur mar urram do " Charadd
nan Gaidheal ” anns a’ bhliadhna
1830. Chaidh an t-iomradh seo
fhoillseachadh anns “ An Teach-
•daire Ghaidhealach ” :—
“ An deidh iomadh seanchas
agus iomadh slainte 61,” tha e
ag radh, “ thug uachdaran na
cuideachd seachad deoch-slainte
na muinntir a bha ag cuideach-
adh leosan a bha ag cur a mach
" An Teachdaire Ghaidhealaich.”
Tha cuid dhiuhh an seo an
lathair. Dh’oladh seo le furan
—chaidh fuaim an aigheir a mach
feadh an t-seomair, agus, mar
bu dual, fhreagair ‘ MacTalla ’
(e fhein), cnapairneach laidir,
taiceil de dh’fhior Ghaidheal, a
mhuinntir Eilean Cholla, mar a
chuala mi, agus, air m’fhaoal
firinneach, chuir e dheth gu
ideasagus mar sin air aghaidh.
Tha mi an duil gu bheil seo—
seadh, gur e Lachanri a fhreagair
an t^slainte seo—a’ leigeil ris,
ged nach biodh cinnt againn idir
air, an lamh threun a bha aig
Lachann ann an deasachadh
“ An Teachdaire Ghaidhealaich.”
Bha mi fhein am beachd aig aon
am nach b’urrainn gur e Lachlann
e fein a sgriobh seo, ach
dh’atharraich mi mo bheachd,
•oir, mar a thubhairt mi, bha e
air a chumail an cleith air
leughadairean gur ann bho’n aon
laimh a bha gach sgriobhadh os
cionn gach caochladh ainme-pinn
a bha e ag gabhail dha fhein a’
tighinn. Air an aobhar sin, ma
ta, feumar cead a thoirt dha (no
do aon sam bith a bhiodh ’na
aite) a ainm fhein a tharraing a
staigh mar seo, eadhon heagan
molaidh a dheanamh air fhein,
•oir mur deanadh e sin -bhiodh e'
’ga bhrath fein le iomradh nach
biodh lan choimhlionta.
Thug e rogha na h-eachdraidh
is seanchasan eile seachad anns
na miosa chain seo mu Uilleam
Uallas, Iain a’ Chnoic (Knox),
agus Rob Ruadh MacGriogair.
Chaidh na tri beachdaireachdan
sin a chur a mach ann an leabhar
gasda fo laimh an fhir nach
maireann, Calum MacPharlain,
le MacAoidh, Sruighlea, bho
chionn suas ri da fhichead
bliadhna. Chithear anns an
leabhar seo deagh dhoarbhadh
air cho deas ’s a bha an Gaidheal
fiughail seo ann an sgriobhadh
cainnt a mhathar.
A rithist, a thaobh cuid
sgriobhadh Beurla dheth, bu
chothromach a sgriobh e ann an
leabhraichean beaga mar a bha
” A Historical Account of Iona ”
agus “ The Native Steamboat
Companion,” a thainig a mach a
beairt a’ chlodh anne na bliadh-
nachan 1833 agus 1845. Chuir e
a mach mar an ceudna, anns a’
bhliadhna 1838, leabhar beag air
Eilean Hioirt. Is coltach gur
ann bho’n Urramach Niall Mac-
Coinnich, a bha ’na mhinistear
anns an eilean san am, a fhuair
e tromlach an fhiosrachaidh a tha
anns an leabhar seo.
Cha rachadh eadar-theangach-
adh, an da chuid Gaidhlig gu
Beurla agus Beurla gu Gaidhlig,
iomrall air na bu mho. Tha e air a
radh gun d’eadar-theangaich e
laoidhean Dhughaill Bhochanain
gu Beurla, ach ma rinn e sin,
chan fhiosraich mi gun deach an
c'6-bhualadh riamh. Dh’fhaod-
teadh sealltainn a staigh anns a’
chilis seo co-dhiubh a tha no nach
’eil an lamh-sgriobhainn sin air
sgeul an aite sam bith an diugh
fathast. D1T eadar-theangaich_ e
cuid de bhardachd Eoghain
Mine Colla, air an robh e eolach
an Glaschu, gu Beurla.
Ach an oidhirp a bu mhotha a
thug ainm dha, agus is docha
team an obair air an robh e
fein a’ sealltainn mar shar-obair
a la, ’s as motha a tha air a
caigneachadh r’a ainm an diugh,
b’e an leabhar iomraideach ud
anns an fheum an do chuir e
sacthair mhor, “ Adhamh agus
Eubh.” Anns an leabhar seo tha
e ’na dhoigh fhein, agus mar a
bha e fhein ag creidsinn, a’
feuchainn r’a dhearbhadh gur i
a’ Ghaidhlig a labhair ar ceud
pharantan an Garradh Edein,
agus gu bheil na h-ainmeannan
a thug iad do na h-ainmhidhean,
an eunlaith is gach creutair beo
eile, air an steidheachadh air a’
Ghaidhlig.
Theagamh nach dean sgoil-
earan mora an la-diugh ach gaire
ri cuid de na beachdan a leig
Lachann ris anns an leabhar seo,
ach bha e fhein ’gan 1|
chreidsinn is e fein-dhearbhte
robh e ceart. Biodh a’ mhorchajl
de a bheachdan ceart no cea,,
leig e ris gu robh eolas farsail
aige air a’ chuis ris an do chijjt
e lamh, agus tha e toillteanna| i
air ar taing a thaobh
dhilseachd do chanain a shluaijif
ann a bhith a’ tagar an urraK
seo dhi.
Thainig an leabhar seo a mac
anns a’ bhliadhna 1837, agus ^
bliadhna ’na dheidh chuir c ?
mach leabhar Beurla anns an roll.
na beachdan ceudna air an toil
seachad gu cuimseach. Chai:l|
e eadar-theangachadh a bha aip
uile gu leir, ach b’iad na beach||
an ceudna a bha ann. B’e “ ||
History of the Celtic Language j!f
an tiodal a thug e dha.
Leabhar beag Gaidhlig eile |
chuir e a mach, b’e “ Maighsti
nam Modhannan,” aims an rob i
e a’ toirt seolaidh is fiosrachaid
do Ghaidheil mar a bu choi
dhaibh iad fein a ghiulan ai
cuideachd, aig bord-bidh ’s ;
leithid sin.
LE buntainn r’a bhardachd r
rinn e cumha a tha ana-ir
barrach druidhteach dc L
nighinn do Alasdair Ruadhj 1
Tighearna Cholla, nigheail f
urramach is diadhaidh, a shiubh- f
ail an Lunnainn anns.a’ bhhadhna |
1830., Seo agaibh an cumha:—! -
Och! is mis’ tha fo airsneal; 1
Tha mo chridhe cur thairis 14, jl
bron;
Ainuir nasal na h-ailleachd,
De’n fliuil Leathanach agh- I
mhor, cha bheo!
Is e mheudaich mo thursa
Nach d’fhuair do luchd-duthcha
’gad choir,
Ach gun athair, gun bhrathair,
Ann an Lunnainn ’gad chair-1
eadh fo’n fhod.
’S iomadh buaidh bh’ort r’a
innseadh,
’S a chaidh cheana chur sios j
ann an dan;
Bha thu alainn ad phearsa,
Bha thu iriosal, macant’ thar
chaieh;
Meur de’n chraoibh thu a
thuinich
Ann an Caisteal ud Dhubhairt j
B’e s6o geamhradh na dunaich—
Chrion do fhreumh ’s fhrois do j
dhuilleach gu lar!
(.4n ebrr air t.d. 34) |
32