Skip to main content

‹‹‹ prev (236) Page 18Page 18

(238) next ››› Page 6Page 6

(237) Aireamh 2, Supplement - Gaidheal Og
AN GAIDHEAL OG
MIOSACHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar VII AN GEARRAN, 1955
Aireamh 2
Caillcacli Mliaol-dwinhnaieh
BHA siud ann roimhid bean aig an robh tri
gillean, is thuirt am fear a bu shine,
‘ ‘Tha mise a’ falbh a shiubhal an
t-saoghail agus feumaidh mi aran air son an
rathaid. ’ ’
Dh’fhaighnich a mhathair, “An gabh thu
bonnach m6r le mollachd no bonnach beag
le beannachd!”
Thuirt e rithe gun gabhadh e bonnach mor le
mollachd, agus dh’fhalbh e.
Cha robh e fada air an rathad gus an tainig
an oidhche agus an t-acras air. Shuidh e ri
taobh cnuic is thainig feannag os a chionn is
thoisich i ri eigheach, “Thoir dhomhsa pios
dheth sin; thoir dhomhsa pios dheth sin. ’ ’
“Fhalbh, a chreutair ghranda, is riatanach
mi fhein air, ’ ’ arsa esan, is dh’ fhalbh e, is bha
ise ag eigheach as a dheoghaidh, “Gu ma dona
dh’ eireas dhuit; gu ma dona dh’ eireas dhuit!’ ’
Cha robh e fada air an t-slighe gus am faca
e solus. Rinn e air an t-solus is chunnaic e gur
e taigh beag a bha ann. Chaidh e a staigh is
shuidh e ri taobh an teine is chuir e suas an da
chu aige ri taobh an teine.
Thainig beatadh chun an doruis is dh’eubh e,
“Co tha siud?”
“Tha mise, Cailleach Bheag Bhochd
Mhaol-domhnaich, ” agus leig e a staigh i.
Cha robh i a’ tighinn a nuas idir is bha e ag
radh rithe, ‘ ‘Nach tig thu a nuas, a chaillich!”
Thuirt i, “Bidh na cearcagan beaga bochda
agam a muigh leis an uisge. ”
Bha i a’ sior thighinn a nuas is shuidh i ri
a thaobh is thug i roineag as a ceann is chuir i
mun cuairt cluasan nan con i.
Thoisich na coin air sabaid gus an do mharbh
iad a cheile, is thoisich iad fhein air sabaid.
Agus rug i air slachdan is bhuail i air barr a
chinn e is mharbh i e is thiodhlaic i fo’ n iirlar e.
Mu dheireadh thubhairt an darna fear gu
robh e a’ falbh a dh’ iarraidh a bhrathar. Rinn
a mhathair da bhonnach agus dh’fhaighnich i,
“An gabh thu bonnach mor le mollachd no
bonnach beag le beannachd?”
Thuirt e rithe gun gabhadh e bonnach mor
le mollachd, is dh’fhalbh e.
Cha robh e fada air an rathad gus an tainig
an oidhche agus an t-acras air. Shuidh e ri
taobh cnuic is thainig feannag os a chionn is
dh’eubh i, “Thoir dhomhsa pios dheth sin;
thoir dhomhsa pios dheth sin.
“Fhalbh, a chreutair ghranda; is riatanach
mi fhein air.” Is dh’fhalbh e is bha i ag
eigheach as a dheoghaidh, “Gu ma dona
dh’ eireas dhuit; gu ma dona dh’ eireas dhuit! ’ ’
Mu dheireadh chunnaic e solus agus thainig
e gu taigh beag. Chaidh e a staigh is shuidh e
ri taobh an teine is chuir e na coin ri a thaobh
is thainig am beatadh chionna chun an doruis
is dh’ eubh e, ‘ ‘Co tha siud!”
“Tha mise, Cailleach Bheag Bhochd
Mhaol-domhnaich, ’ ’ is leig e a staigh i.
Cha robh i a’ tighinn a nuas idir is bha e ag
radh rithe, ‘ ‘Nach tig thu a nuas, a chaillich ?’ ’
Thuirt i, “Bidh na cearcagan beaga bochda
agam a muigh leis an uisge.
Bha i a’ sior thighinn a nuas is mu dheireadh
shuidh i ri a thaobh is thug i roineag as a ceann
is chuir i mun cuairt cluasan nan con i.
Thoisich na coin air sabaid gus an do mharbh
iad a cheile, is thoisich iad fhein air sabaid is rug
i air slachdan is bhuail i air barr a chinn e is
mharbh i e is thiodhlaic i fo’ n urlar e.
Mu dheireadh thuirt an treas gille, “Tha mi
a’ falbh a dh’ iarraidh mo dha bhrathar.
Rinn a mhathair bonnach beag agus bonnach
mor is thuirt i, “An gabh thu am bonnach mor
le mollachd no am bonnach beag le beannachd ? ’ ’
Thuirt esan, “Gabhaidh mi am bonnach
beag le bhur beannachd,” is dh’fhalbh e.
Thainig an oidhche agus an t-acras air-san
cuideachd is thainig faoileag os a chionn is bha
i ag eigheach, “Thoir dhomh pios dheth sin;
thoir dhomh pios dheth sin.
“O trobhad, a chreutair bhochd, tha thu
cho riatanach rium fhein air,” is thug e dhi
pios. Bha i ag eigheach as a dheoghaidh,
‘ ‘Gu ma math a dh’ eireas dhuit; gu ma math
a dh’eireas dhuit!”
— 5 —