Skip to main content

‹‹‹ prev (229) Page 11Page 11

(231) next ››› Page 13Page 13

(230) Page 12 -
is, an uair a bha sinn a’ bruidhinn, thainig
Aonghas fhein a mach is, an uair a chuala e an
gnothach, thuirt e gum biodh e deas an uair a
thillinn fhin is m’athair. An uair a chaidh mi
fhin is m’athair suas, bha Aonghas deas agus
am bara-laimhe aige. Chaidh sinn do’n phort
agus cha robh bata air flod ach bata Alasdair.
Chaidh mise a chur a null a dh’iarraidh coin-
gheall de’ n bhata, ach bha Alasdair na b’ fhearr
na sin—thainig e fhein cuideachd.
"An uair a chunnaic Alasdair am bara-
laimhe, thuirt e nach deanadh e feum, agus a’
tionndadh riumsa thubhairt e, ‘Rach a null gu
cul an taighe agamsa agus gheibh thu sgonn
de fharadh leathann an sin, is bheir a nail e. ’
Fhuair mi am faradh. Chaidh crann a’ bhata
a thogail; chaidh am faradh a chur tarsainn
anns an deireadh, agus dh’fhalbh sinn.
Dh’ iomair na fir gu socrach. Fhuair sinn gu
ceadha (seann fhear) Phort na Mona. Chaidh
na fir air tir agus am faradh. Cha leigeadh
m’athair leamsa dol a null. Thug e orm suidhe
ann an siod gus an glaodhadh e orm. Leig mi
fhaicinn dhaibh a’ chreag far an robh an corp
air taobh eile na creige.
‘ ‘Choisich iad gu socrach agus, an uair a bha
m’athair faisg air a’ chreig, thug e dheth a cheap
is thug Aonghas dheth a cheap cuideachd. An
uair a fhuair m’ athair gu taobh eile na creige
thilg e a cheap air an lar, rinn Aonghas lachan
gaire a dh’ fhaodadh daoine a chluinntinn anns
a’ Phort Bhan! Dh’eirich mise a dhol a null,
is iongantas orm cho cridheil is a bha iad. Ach
an sin ghlaodh m’athair rium am faradh a
thoirt a nunn.
‘ ‘An uair a rainig mi iad, bha gach aon air
an leth-ghluinean is iad a’ feuchainn cliathach
muice! Cliathach muice! Bha i ann an siod
agus i air a sgoltadh troimh mheadhon a sroine
a sios an cnaimh droma agus, air m’onair, bha
leth an earbaill fhein ann! Dh’ aontaich na fir air
fad gu robh a’ mhuc cho ur math is ged thigeadh
i a buth feoladair. Dh’ eirich m’ athair ag radh,
'Muc! Smaointichibh air, fheara, mise a’
toirt dhiom mo cheap air son muice!’ Thionnd-
aidh e an sin riumsa, ag radh, ‘Ma chluinneas
mise gun innis thu de a chunnaic thu, bheir mi
an ceann as an amhaich agad! ’
- "Chaidh a’ mhuc chiatach a chur air an
fharadh. Anns a’ bhata shuidh Alasdair anns
an deireadh. Chaidh am faradh a chur
tarsainn a chum is gum faigheadh na fir iomram,
agus dh’ fhalbh sinn.
‘ ‘Cha deach sinn fada an uair a thuirt Alasdair
ann an guth iosal, "Dean fodha, Aonghais;
iomair, a Neill. ’ Rinn iad mar a dh’ iarradh
orra, is thionndaidh iad feuch de a thug air
Alasdair a leithid de ordugh a thoirt dhaibh,
ach thuirt Alasdair, ‘Chan fhaca sibh muinntir
an torraidh air a’ cheadha?’ Ts e a ni sinn,'
lean e, ‘cuiridh sinn an seol mu’n mhuic, agus
cuiridh mi geall gun tig ceap no dha eile bharr
cheannaibh a dheanamh umhlachd do’n mhuic. ’
Cha d’iarr each na b’fhearr. Chaidh a’ mhuc
a dheagh chomhdach agus rinn sinn air a’ phort.
An uair a dh’fhosgail sinn a mach Carraig an
Fhaing, chunnaic sinn an sin an grunnan
mhnathan is fhear a bha a’ feitheamh gus an
tigeadh an ‘corp.’
"Rainig sinn, agus cha b’urrainn an lan a
bhith na bu fhreagarraiche! Bha Lachainn an
seo ann, is a cheap ’na phbca, is e a’ deanamh
greim air ceann an fharaidh. Chuir Aonghas
da bhalach gu taighean a’ chladaich air son da
chliabh. Chaidh an giulan a thogail gu
curamach agus a ghiulan gu na cleibh far an
deach a leigeil sios leis a h-uile urram is onair!
Bha Alasdair air a chuartachadh le mnathan a
bha a’ caoineadh, ach thuirt te dhiubh ris,
‘De seorsa aodaich a tha air?’ ‘Aodach,’ arsa
Alasdair, ‘chan ’eil stiall air a corp ach
mar a rugadh d’ a mathair i, is tha i goirid dheth
sin fhein! Is e ise a tha ann, a mhnathan, is
chan e esan. ’ ‘O chiall, a chiall! O, an
creutair truagh! Saoil sibh, Alasdair, ’ arsa
te dhiubh, ‘am faigh sibh a parantan?’ ‘An
ta, ’ arsa Alasdair, ‘cha bhi e idir furasda a
cuideachd a lorg. ’ ‘An tiodhlaic sibh ann an
seo i, ma ta?’ ‘O,’ arsa Alasdair, ‘theid a
tiodhlacadh ann an caochladh aite; bhiodh e
na’s saoire mar sin.’ ‘A bhruid gun iochd,’
arsa a’ bhean, ‘tha nigheanan agad fhein.
Ciamar a chordadh e riut iad a dh’fhaotainn
bais mar a fhuair an truaghan seo?’ ‘An ta,’
cha chordadh e idir rium,’ arsa Alasdair,
‘ach rachamaid suas far a bheil an giulan. Tha
mi a’ faicinn Dhomhnaill a’ tighinn is bidh an
Leabhar aige.’
"Cha robh toil aig duine cleas a thoirt a
seann Domhnall, agus chaidh an ‘corp’ a
rusgadh. B’ann an sin a bha an lan-aighear!
Chaidh a’ mhuc a roinn, agus cha robh te
a leig deur as a suil nach do mhol bias na te a
chuir a leithid de mhulad oirre, a chionn
fhuair gach aon a bha a lathair stiall mhath
de’n ‘duine mharbh’ a fhuair mise ann am
Port na Mona! Sin agad, mar a thuirt mi riut,
a chaidh an da-rireadh gu fealla-dha. ”
Bha sinn greis ann an siod mun do stad an
fhras, ach fhuair sinn dhachaigh tioram ach,
ged n'ach fhaigheadh, b’fhiach sgeul Neill
deagh fhliuchadh.
A bheil sibh ag aontachadh learn!
Na creid an droch-sgeul gus an dearbhar i.
* * *
Is dana duine ’ na chuil fein.