Skip to main content

‹‹‹ prev (227) Clar-Innsidh [Contents]Clar-Innsidh [Contents]

(229) next ››› Page 11Page 11

(228) Page 10 -
bhiorain ann agus bha torr math agam cruinn
mun tainig an t-uisge. Fhuair mi an sin badan
de fheur a bha cho caoin is cho tioram is ged
nach robh uisge riamh ann.
Chuir mi sios bad math feoir is chuir mi
spong ris, bioran air a mhuin sin, agus an uair
a dh’fhalbh an toit thiugh bha coltas teine
gasda a’ dol a bhith agam.
Shuidh mi is bha mi a’ lionadh na pioba an
uair a rainig Lachainn. Bha bliadhna no dha
o’n thachair sin agus bha an fhailte cridheil.
TMinig an sin gille 6g eile. Bha luchd ceilidh
a’ dol a bhith agam!
Cha robh sinn ach gle ghoirid comhla an uair
a thainig an fhras agus stoirm dhearg leatha!
Ach bha sinne air ar neo-ar-thaing. Cha robh
boinne a’ tighinn ’nar coir.
‘ ‘An ann a’ siubhal a’ chladaich a bha sibh ?’ ’
thubhairt mi ri mo chompanaich, agus as a sin
thoisich na sgeulachdan mu shiubhal cladaich
agus na bhiodh a’ tighinn air tir ri am droch-
shide.
Dh’innis mi thin mu’n tosgaid a fhuair mi
anns an Fhang-bheag, agus mar a shaoil mi gu
robh m’fhortan deanta! Cha b’fhada gus an
deach an sgeul feadh a’ bhaile, “Fhuair Mac
Neill tosgaid lan uillidh is i falamh!’’
Sin mar a chaidh an sgeul innse leis na balaich
bheaga eile.
Ach labhair am fear 6g mu dheireadh, “O,
nan robh thu an seo an uair a chaidh an Labrador
air tir air sgeir Mhic Coinnich. Sin agad far an
robh cobhartach!’ ’
“Chaidh i air tir ann an ceo, ach chunnaic
sinn anns na paipearan nach deach duine a chall.
Lean an t-sid cho feathail ri am foghair, is gun
ghluasad idir ach gann air a’ mhuir. Sheall
mi troimh an uinneig madainn a bha siod agus
chunnaic mi rud-eigin dearg air an traigh. Bha
muir-lan reothairt ann, agus cha robh a’ mhuir
seachad air ceud slat bho’n dorus.
“Dh’fhalbh mi sios do’n traigh agus, an
uair a rainig mi, cha fhaca mi a leithid de
shealladh ubhlan riamh! Bha am port lan
dhiubh. Thog mi te dhiubh is thug mi greim
aisde. 0, is i a bha math! Thainig mi an sin
chugam fhein agus ghreas mi dhachaigh.
Dh’ innis mi aig an taigh mar a bha. Thug mi
learn an cliabh-mona is thug mi an traigh orm.
Bha an cliabh Ihn agam mun tainig m’athair,
ach cha ruigeamaid a leas uimhear de chabhaig
a bhith oirnn.
“Thainig muinntir eile a’ bhaile a thrusadh
ubhlan, ach cha b’fhada a lean sin. Chaidh
bataichean a chur air bhog agus chaidh iad a
mach do’n chaol. Bha aon gheola nach robh
deich mionaidean air falbh an uair a thill i
agus ceithir baraillean aice gun bhristeadh.
Bha each air a’ cheart doigh. Ann an uine
ghoirid cha robh taigh anns an ait anns nach
robh baraille no dha de ubhlan. Cha robh mi
fhin a’ smaointinn gu robh uimhear ubhlan air
an t-saoghal!
‘ ‘Tha cuimhne agad mar a bhios na feannagan
is na rocaidich a’ dol a h-uile feasgar do choille
Choin-ard far am bidh iad a’ cur seachad na
h-oidhehe. Bha, ma ta, a h-uile aon dhiubh
a’ tadhal anns a’ Phort Bhan air an rathad,
agus rachadh gach te dhiubh dhachaigh agus
ubhal ’na spuirean! Tha a bhlath is a bhuil
an diugh ann, a chionn, ma theid thu do
Choin-ard mum falbh thu a rithist, chi thu am
measg na beithe is na calltainn craobhan ubhlan
a’ fas a tha na’s airde na thu fhein! Chan
'eil mi ag radh gu bheil measan orra, ach tha
iad ann, gu leoir dhiubh—nach ’eil, a
Lachainn?,” is e a’ tionndadh ris an fhear
eile.
“Tha sin cho fior is a tha thu ag innse,”
arsa Lachainn, “ach innis dha mu’n duine
mharbh a fhuair thu. ’ ’
“Och, ” arsa Niall, “tha mi cinnteach gun
cuala e sin cheana. ’ ’
“An e mise?” arsa mi fhin. “Ciamar a
chluinninn-sa rud mar sin? Cha chuala mise
ni bho’n thainig mi ach sadadh an uisge!”
“Gle cheart, ma ta,” arsa Niall, “seo agad
mar a bha. Dh’atharraich an t-sid feasgar
Di-sathurna a bha siod. Th&inig sgriob
ghasda de ghaoith o’n iar-dheas, direach a’
ghaoth a bha a dhith oimn. Anns a’ mhadainn
La na Sabaid sheall mi troimh an uinneig is
chunnaic mi gu robh an caol gu math robach.
B’ e seo an la a bhiodh ministear Eilean Chaluim
a’ tighinn a nail a shearmonachadh anns an
taigh-sgoil, a chionn anns an am ud cha robh
Eaglais Steidhichte idir air an taobh seo. Bha
cirean geal air a h-uile tonn anns a’ chaol,
agus leis a sin cha b’urrainn do’n mhinistear an
t-Eilean fhagail. Bha mise an sin a’ guidhe
gun stadadh a’ ghaoth a chum is gum faigheadh
am ministear tighinn! Is ann de’n Eaglais
Shaoir a tha sinne, is bha fhios nach robh a
chridhe agam dol a shiubhal cladaich La na
Sabaid ged nach biodh ministear anns an ait
idir, ach rachadh muinntir na h-Eaglais
Steidhichte a shiubhal cladaich, ministear a
bhith ann no as!
‘ Ts ann air son sin a bha mi a’ guidhe gun
tuiteadh a’ ghaoth, a chionn, nam biodh
searmon ann, cha bhiodh uimhear dhiubh a
rachadh a shiubhal cladaich! Co-dhiubh,
thainig an t-am againne falbh do’n eaglais a
bha corr is da mhile an ear oirnnj ach, O, bu
bheag a bha m’inntinn-sa air eaglais no air
searmon! Anns an eaglais cha robh mi ach ag
eirigh is a’ suidhe le each, is gun mi a’ cluinn-
tinn dad ach na tonnan a’ bristeadh air
a’ chladach. Bha mi cho bodhar dall mu
gach ni a bha a’ dol is gu robh an searmon
— 10 —