Skip to main content

‹‹‹ prev (139) Clar-Innsidh [Contents]Clar-Innsidh [Contents]

(141) next ››› Page 67Page 67

(140) Page 66 -
riaghladh na Gorseidd agus ged tha trl brith-
fcamhan air an cur air leth air son gacdi aoin
ieumaidh a’ Ghorsedd a bhith air a riochd-
achadh orra le cheile Tha a’ Ghorsedd fhc'in
air a steidheaehadh air tri mhodhan: (1) an
eeud cheuin: gabhar ri luchd-siridh an deidh
da cheasnacdiadh leis a’ Ghorsedd (Cleoca uaine
dhaibh-san). (2) an dara ceum: baird, luchd-
ciuil, is luchd-litreachais. Theid gabhail riutha
ma bhuidhinneas iad ceasnacdiadh eriochnaidh-
eaehd na Gorseidd (Cleoca gorm dhaibh-san).
(3) an treas ceum : na Draoidhean. ladsan air
a bheil a’ Ghorsedd a’ cur urraim an eirig na
rinn iad as leth litreachas, ceol is ealain
na Cuimridh (Clebca geal dhaibh-san). Tha
aig na Baird a choisinn an Crun no a’ Chathair
agus a tha amis an trea-s earrainn seo blath-
fhleasg ’nan eurraieean. Is ann a measg na
feadhnach seo a tha am Priomh-Dhraoidh air
a thaghadh.
Ghoinnich a- Ghorsedd air madainn Di-mairt
aig naoi uairean, agus bha sinn gu leir duilich
nach robh an aimsir fabharach gu seo a
chumail anns an ait a dh’ullaicheadh air
a shon, far an robh Clachan Fiannta air an cur
suas a reir gnathan nan Draoidhean. Bha
sinne agus riochdairean na h-Eireann anns an
lathair agus, mar a chaidh ainm ar duthcha
eigheach bho’n chlar-urlair, bha sinn ag
eirigh ’nar seasamh agus a’ nochdadh do’n
chomh-chruinneachadh gu robh sinn am broill-
each na cuideachd. Chruinnich a’ Ghorsedd
a rithis aig leth-uair an deidh a dha air son
crunadh a’ Bhaird. B’e sealladh breagha
greadhnach a bha ann, am Priomh-Dhraoidh,
le a chulaidh gheal is le a uchd-eideadh
lainnireach, is a luchd-coimhideachd le an
cleocaidhean geala, le an claidheamhan is le
an lorgan. Dh’eubhadh da uair air a’ Bhard,
dh’eirich e & measg na cuideachd agus chuir-
eadh luchd-coimhideachd air a thbir. Choisich
e gu stolda, eadar dithis, a dh’ionnsaigh an
ard-urlair far an d’fhailtieheadh e leis a’
Phrlomh-Dhraoidh ann am briathran solaimte.
Chuireadh an sin e 'na shuidhe anns a’
Chathair Mhoir, ehuireadh an Crun air a
cheann, agus sheinn an coimhthional comhla
Laoidh a’ Chrunaidh le comh-che61 cl&rsaich.
An deidh sin, thugadh cuireadh do na riochd¬
airean tighinn air an aghaidh a chum am
failteachadh, na h-Eireannaich an toiseach,
ach aig ceann na staidhreach bha dithis a’
cumail claidheimh no rud-eigin coltach ris,
chaidh beagan fhacal a labhairt agus, an deidh
sin, thugadh sinn gu ruig am Priomh-Dhraoidh
a rug air laimh oimn gu cairdeil, thuirt e
beagan fhacal failteachail agus sheas sinn an
dara taobh. Dh iarradh oirnn labhairt ’n? r
canain fein agus ar teachdaireachd a liubhairt
ann am beagan fhacal. Is ann car mar seo a
labhair mise, ma’s math mo chuimhne:
“ Tha mise agus mo chomh-riochdair
a’ giulan teachdaireachd bhlath-chridheach
chadded dhuibhse, buill an Eisteddfod, bho’n
Chomunn Ghaidhealach agus Gaidheil na
h-Alba gu leir, agus tha sinn a’ deanamh
c omh - gh ai r d e ac h a i s maille ribh anns na
h-oidhirpean soirbheachail a tha sibh a’
deanamh a chum canain is cleachdaidhean bhur
n-athraichean a chumail suas.”
Eadar na bha ’nan suidhe is ’nan seasamh
tha mi cinnteach as gu robh naoi mile pearsa
fo chromadh an taighe an uair a thachair na
bheil mi a’ sgrlobhadh uime. Cha d’fhuair aon
againn cothrom air facal tuilleadh a radh air
urlar ard no iosal. Gu dearbh b’e sin an aon
uair a bha sinn air an ard-iirlar, mu choig
mionaidean uile gu leir. Ann an gabhail ri
riochdairean bho dhuthchannan daimheil tha
na Cuimrich fada fada. air dheireadh air na
h-Eireannaich is oirnn fein.
Chumadh Gorsedd eile air madainn Diar-
daoin agus bha i eadhon na bu ghreadhnaiche
na Gorsedd Dhi-mairt. Aig fosgladh gach
Gorseidd tha da thrompaid air an seideadh ri
ceithir chearnan an domhain. Air an la seo
ghiulain bean adhafc mhor—an Corn Hirlas—
agus air dhi beiceadh da uair mun d’rainig i
am Priomh-Dhraoidh, chan i facal no dha ris
mun do ghlac e an Corn as a lamhan. Olaidh
e mar gum b’eadh deoch as a’ Chorn agus bheir
e dhi air ais e. Tha sin a’ samhlachadh Fion
an Fhailteachaidh bho’n ait anns a bheil an
Eisteddfod air a chumail. ■ An deidh seo tha
nionag 6g, le comhlan de chaileagan beaga aig
a bheil blath-fhleasgan air an cinn Tha an
nionag seo a’ giulan sguaibe eadar a gairdeanan
agus an deidh da bheic tha i a tairgsinn na
Sguaibe do’n Phriomh-Dhraoidh. Tha seo a’
samhlachadh toil oigridh na Cuimridh blathan
an talantan a thlodhlac do’n Fheis Naiseanta.
An uair a bheir am Priomh-Dhraoidh air ais
an Sguab do’n nlonaig tha na caileagan a’
dannsadh is a’ leum mun cuairt agus le iollaich
ghairdeachais a’ dol as an t-sealladh.
Thugadh fa chomhair a’ Phriomh-Dhraoidh
feadhainn a choisinn cliu agus urram dhaibh
fhein agus do’n Chuimridh an iomadh gne
dreuchd no foghlum. Air an ceann bha
Ceann-Suidhe Comunn nan Lighichean am
Breatann.
An deidh mheadhon-la ghabhadh ris a’
Bhard a choisinn a’ Chathair. Binneadh seo
anns an doigh ghreadhnaich kbhaistich.
Comhla ris a’ Bhard thugadh bonn-oir do’n
fhear a choisinn a’ cheud duais air son
sgriobhadh rosg—rosg a ni leabhar tomadach.
A reir nam paipearan-naidheachd tha ochd
Cathraichean aig an fhear a chunnaic sinne a’
faighinn na Cathrach. Chaidh a’ chuid eile
de’n Eisteddfod seachad le farpaisean ciuil is