Skip to main content

‹‹‹ prev (129) Page 31Page 31

(131) next ››› Page 61Page 61

(130) Page 32 -
AN GAIDHEAL OG
Thainig an geamhradh agus am fuachd.
B’fheudar do’n isean cumail air a’ snamh
mun cuairt anns an lochan bheag anns an robh
e a’ comhnaidh, a chum is gun cumadh e bho
reodhadh e. Ach a h-uile oidhche dh’fhas
an eigh na’s treasa agus sgaoil i air uachdar an
locha gus mu dheireadh nach robh oirleach
uisge aig an isean anns an snamhadh e.
Trath air madainn araidh bha tuathanach
a’ gabhail seachad, agus chunnaic e an t-isean
mor ’ na laighe air an eigh, rag leis an fhuachd.
Thog e e agus thug e leis dhachaigh e agus chuir
e ri taobh an teine e. Le blaths an teine
bheothaich an t-isean agus phill a neart chuige,
ach, an uair a chunnaic e far an robh e, ghabh
e an t-eagal agus thug e an leum ud as, agus
siod e anns a’ chuinneig bhainne, agus an sin
leum e do’n chrannchan ime agus an sin leum e
do’ n chiste mhine, a’ sgiathalaich is a’
sgriachail, agus bean an taighe air a thoir leis
a’ chlobha!
Gu sealbhach, bha an dorus fosgailte, agus
thug an t-isean am blar a muigh air, agus nam
faiceadh tu e an uair sin! Ma bha e granda
roimhe seo, is ann a bha e granda a nis, le bainne
is im is min air na h-itean aige.
Tharr e as, co-dhiubh, agus cha ruig sinn a
leas tuilleadh innseadh mu na deuchainnean a
thachair air mus tainig an geamhradh ud gu
ceann.
La a bha seo bha an t-isean mor granda ’na
shuidhe am measg nam preas ri taobh lochain,
agus e a’ deanamh gairdeachas ri blaths na
greine agus an t-earrach a nis ann, agus na
h-eoin bheaga a’ sineadh ri ceileireadh. Chrath
e a sgiathan agus mhothaich e gu robh iad cus
na’s treasa na b’abhaist dhaibh. Dh’eirich
e air na sgiathan is thog e air agus thainig e gu
lar ann an garradh mor breagha, far an robh
craobhan measa agus blathan alainn agus
cubhraidheachd an earraich air feadh an aite,
agus,anns an teis-mheadhon bha lochan beag.
Agus air an lochan bha tri coin mhora, tri
ealachan mora maiseach, agus iad a’ snamh
cho proiseil uasal.
“Theid mi chuca,” arsa an t-isean mor ris
fhein. ‘ ‘ Marbhaidh iad mi agus mi cho granda,
ach, nach coma leam, nach fhearr a bhith air mo
mharbhadh le coin cho breagha seach a bhith
air mo sharachadh le tunnagan is air mo sgob-
adh le cearcan.”
Shnamh an t-isean mor a dh’ionnsaigh nan
ealachan, agus thainig iad 'na chbmhdhail.
“Marbhaibh mi,” arsa esan, agus chrom e a
cheann gu h-umhail, ach an uair a chrom e a
cheann agus e an duil ri buille bais, nach ann
a chunnaic e a fhaileas fhein anns an uisge—
agus cha b’e a bha ann tuilleadh isean mor
granda ach eun mor breagha, eala mar na
h-ealachan maiseach eile!
Nach coma leat, ged rugadh tu an nead
tunnaige, ma’s ann a ubh eala a thainig thu! i
Chuir na h-ealachan failte air, agus mhothaich ;
e toileachadh ’na chridhe. As deidh gachj
taire is anshocair is cruaidh-chas a dh’ fhiosraich ’
e, b’e seo la an aoibhneis mhoir da-riribh!
Bha triixir chloinne a’ cluich ri taobh an j
lochain. “Seall,” arsa iadsan, ‘‘tha eala ur |
air tighinn. Bha a tri ann roimhe, ach tha ]
ceithir ann a nis, agus is e an ceathramh fearl
as boidhche buileach!”
Thog an eala 6g a cheann gu moiteil an uair ,
a chuala e seo. B’esan an t-isean mor granda ;
air an d’ rinn a h-uile neach taire, ach an diugh ’
bha fhios aige co e an da-riribh—eala cho ]
maiseach ri gin eile!
Chan ionghnadh ged bha a chridhe !an ]
aoibhneis as deidh na dh’ fhuiling e.
t'alii TraigJi 4nliraaiiioar<I
Anns an iomradh a rinn mi air mu
chuairt an He, thubhairt mi air a’ mhios a
chaidh gun do thadhail mi an Sgoil Chill-
Chomain, agus gu bheil an sgoil sin faisg
air Ceann Traigh Ghruineard far an do
chuireadh cath fuilteach eadar Domhnallach
He agus Lachann Mdr Dhubhairt anns a’
bhliadhna 1598. Anns a’ chath sin chaidh
Lachann Mor a mharbhadh, agus tha clach ’na
seasamh am meadhon an achaidh a’ comh-
arrachadh a mach far an do thuit e. Bha mi
aice uair roimhe agus mar sin cha do dh’fhag
mi an carbad air an turns seo. Thairg troich
d’ am b’ ainm Dubh-Sith a sheirbhis do Lachann
Mor, ach cha do shaoil leis gum biodh creutair
cho suarach coltais gu moran feum dha. Chaidh
an troich air taobh an Domhnallaich agus air
dha streap suas ann an craoibh chum e a shuil
air Lachann Mor. Fhuair e cothrom cuimse
math a ghabhail an uair a thog Lachann a
chlogad los am fallus a shuathadh bharr a
bhathais. Bhuail saighead Dhubh-Sith e an
clar an aodainn agus thuit e marbh air an
achadh. B’ann a mhuinntir Dhiura a bha
Dubh-Sith agus na’s miosa na sin bu Sheathach
e! Is docha gur aithne do na piobairean oga am
port a chluicheadh le piobaire Chloinn Ghill-
eathain is e a’ fagail a Cheann-Cinnidh air an
raon:—
Aig Ceann Traigh Ghruineard a dh’fhag
mi ’n curaidh,
Aig Ceann Traigh Ghruineard a dh’ fhag mi,
Fear iomairt nan lann ’s a thilleadh na
buillean,
Aig Ceann Traigh Ghruineard a dh’fhag
— 32 —