Skip to main content

‹‹‹ prev (125) Page 59Page 59

(127) next ››› Aireamh 8, SupplementAireamh 8, SupplementGaidheal Og

(126) Page 60 -
a’ taisbeanadh riaghailt Chriosda do shluagh
borb, ain-diadhaidh—do na Sasannaich am
measg chaich: deanamaid soilleir dhaibh a’
bhuaidh siobhaltachaidh a bha aig ar sinnsearan
air cinnich allta na h-E6rpa air do impireachd
na Roimhe briseadh sios, agus saoilidh mi gum
bu chbir do an sin a’ chuid mhor dhiubh a chur
air an casan. Ach rachamaid an sin air astar
leo. Feuchamaid dhaibh co iad a dh’ fhbghluim
aosdana na Roimhe fhein agus teallsanaich
na Greige: leanamaid le Eseciel an lorgan ar
sinnsre gu txr Ghomer: foillsicheamaid dhaibh
ceumannan ar n-athraichean agus buaidh an
oileanachaidh anns gach mir fearainn bho
Eirinn shiar gu ruig na h-Innseachan an Ear,
agus is neonach learn mur dean sin iirachadh
agus beothachadh dhaibh a bhios a chum am
buannachd fhein agus a chum beannachd
agus slainte bhuan na Gaidhlige. Is e seo
iirchasg as eifeachdaiche as aithne dhomhsa
air g<'bread na nimhe cnaimhtiche ud.
Tha cuid de na lighichean a leasaicheadh ar
cor a’ comhairleachadh roidean mora agus
ceidbeachan a dheanamh air feadh na Gaidh-
ealtachd agus anns na h-eileanan. Luthaigeadh
iad bataichean luath gu sluagh aiseag air
chabhaig. Bu mhaith leo sgiathalain dian-
shiiibhlach gu greasadh gu margadh gach
bathar a tha buailteach air a dhol gu luath
a dholaidh. Faodar aideachadh gu bheil iad
sin gu leir ’nan goireasan a tha feumail,
deatamach; ach ciod an stath a ni tuilleadh
chuislean dhasan a tha a’ dol bas a chion fola ?
Is e fuil a tha a dhith air a’ Ghaidhealtachd—
fuil de’n t-seorsa cheart—fuil Ghaidhealach.
Tha feadhainn eile ag aslachadh as leth
oibrichean mora, le gach upraid is iomairt a
gheibhear an cois an leithid sin. Cha leig an
t-iarraidh seo a leas mor ionghnadh a chur
oirnn. Bheireadh seo maoin gu luchd malairt,
agus earras gu tighearnan fearainn. Bhiodh e
ro-fheumail do luchd nam buth agus do mhuinn-
tir nan taighean-osda; agus b’abhaist guth
laidir, sgairteil a bhith aca sin gus am feuman
a chur an ceill. Is iad sin luchd an airgid, agus
cluinnidh eadhon na daoine bodhar an othail
acasan. Ach an aite math air bith a dheanamh
do’ n Ghaidhlig, is ann a bheireadh siud giorra-
laithean oirre. Daonnan an cois nan oibrichean
mora tha laom de luchd na Beurla, agus cha b’ e
an taghadh fhein air feabhas. Chunnaic sinn
beagan de’n obair aig ceann Loch Liobhann,
agus ged nach samhla am baile boidheach a
thogadh an sin do shuidheachadh eagalach cuid
de chlobhsachan ar bailtean mora, gidheadh,
chan iarradh sinn moran de a leithid fhein
air feadh gleanntan na Gaidhealtachd; oir is
beag de ar teanga bhlasda a chluinnear am measg
an t-sluaigh, agus is fada a ghabh an cail agus
an cleachdadh bho ghnaths gasda nan Gaidheal.
Bhiodh Alba, agus Sasann leatha, fada na
b’fhearr as aonais moran de na bailtean a tha
aca an ceart uair; agus nam biodh dara leth an
t-sluaigh a tha air an-doigh a’ solar bith-
beo ann ar bailtean, agus air dhroch ghreidheadh
a’ feitheamh an eig am bruchlagan an cuil-
shraidean cosach, an sas an obair tuatha air
an duthaich, bhiodh slainte agus sonas aca
fhein nach ’ eil aca, agus bhiodh ar rioghachd a’
mealtainn barrachd sithe agus saoibhreis.
Rinn taladh nam bailtean mora fasachadh gu
leor anns a’ Ghaidhealtachd a cheana, agus cha
b’ann an sin a mhain, ach air feadh Albann
agus Shasainn, agus an iomadh cearn eile de’n
t-saoghal. Thoisich an galar sin mu’ n ochdamh
linn deug, agus thainig e gu airde anns an
naoidheamh linn deug air thaillibh an atharrach-
aidh mhoir sin ris an abair na Sasannaich
"The Industrial Revolution.’’ Ach cha mhair
la nam bailtean mora gu brath. Tha comharr-
aidhean anns na speuran bho an cnuasaich fear-
leughaidh gu bheil grian nam bailtean mora a
nis air ruigheachd a h-airde, mur ’eil i air
teannadh ri tearnadh a cheana. Fa-dheoidh
thig an crochadan air ais le seogadh eile, agus
pillidh muinntir nam bailtean mora gu an
ceill, agus thig luchd-aiteachaidh na talmhainn
gu an ionad inbheil fhein. Bhiodh sin, gu
dearbh, lan tairbhe do’n Ghaidhealtachd, agus
is e dleasnas cairdean na Gaidhlige an latha sin
a ghreasadh le gach feart ’nan cumhachd.
Gidheadh, a chionn gum faod a’ chaora “a
dhol bas a’ feitheamh ris an fheur a’ fas,”
chan fheum iad fantainn ’ nan tamh le an
lamhan paisgte gun mheadhonan cobhrach eile
a ghnathachadh roimh theachd an latha sin.
Tha sin ’gar toirt aghaidh ri aghaidh ri da
cheist chudthromaich, agus ged nach ceadaich
cuisean rannsachadh ro-fharsaing a dheanamh
orra an seo, ni mi oidhirp air beagan soluis a
chur orra. Is i a’ cheud cheist—A bheil
meadhonan leigheis air bith comasach air
galaran ar canaine a bhacadh, agus air a
h-aiseag a rithist gu slainte? Agus an dara
ceist—Ma tha ‘ ‘ iocshlaint da-rireadh an
Gilead, ’ ’ am bi a’ Ghaidhlig fhathast a’
mealtainn earrainn de’n neart agus de’n
fhallaineachd sin a bha i a’ sealbhachadh anns
an t-sean aimsir?
A thaobh na ceud ceiste cha leig sinn a leas
imcheist air bith a bhith oirnn. Mar nach ’eil
ni fo’n ghrein do nach eirich galar, mar sin
chan ’ eil galar nach geill do leigheas. Faodaidh
cuid de ghalaran a bhith a’ faighinn lamh-an-
uachdar re uine, agus a bhith mar gum b’eadh,
a’ toirt dubhlain do gach innleachd a chleachdas
lighichean ’nan aghaidh, ach air a’ cheann
thall thatar a’ faotainn buaidhe orra sin; agus
aon uair is gum faighear an ruaig air galar,
(An cdrr air t.d. 61)